Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìosanaich

Cha do shoirbhich idir aig Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna le deichnear phrìosanach Albannach, a bha ag iarraidh airgead dìoghlaidh airson gun deach bhòt a dhiùltadh dhaibh sna Taghaidhean Eòrpach ann an 2009. Dh'aontaich a' chùirt ann an Strasbourg gun do bhris Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte còraichean nam prìosanach, ach thuirt a' chùirt nach eil iad airidh air airgead dìoghlaidh.

Obraichean

Dh'fhoillsch Rùnaire Ionmhas na h-Alba, John Swinney, plana airson neo-eisimeileachd anns a bheil 10 puingean, le aire gu sònraichte air cosnadh a chruthachadh. Thuirt e gun toireadh bhòt airson neo-eisimeileachd air an ath-mhìos cothrom do dh'Alba air togail, le a smachd fhèin air cìsean agus poileasaidh eaconomaigeach. Thuirt taobh an aonaidh nach eil creideas sam bith aca ann am planaichean an SNP gus an tèid ceistean a fhreagairt mu shiostam an airgid ann an Alba neo-eisimeileach. Aig an aon àm, dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cùmhnant luach cha-mhòr £350m airson trì bàtaichean ùra dhan Chabhlach Rìoghail, rud a chuireas dìon air 800 cosnadh air Chluaidh.

Iorac

Chuir Breatainn an dàrna earrainn de chobhair dha na mìltean a tha gun dachaigh 's gun bhiadh an dèidh teicheadh bhon t-sabaid ann an ceann a tuath Iorac. Leig Feachd an Adhair biadh agus stuth eile às air Beinn Sinjar, far a bheil mìltean de na mion-chreideamhan ann an èiginn. Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, gum beachdaich Aimearagaidh air tuilleadh taic armaichte agus cuideachadh eile do dh'Iorac, ma thèid riaghaltas a stèidheachadh a bheir àite dhan a h-uile taobh. Dh'iarr Mgr Kerry air Haider al-Abadi, an duine a thathas a' moladh mar Phrìomh Mhinistear ùr, riaghaltas a chur air bhonn a nì strì an aghaidh na buidhne, an Stàit Ioslamach, a th' air smachd a ghabhail air mòran de cheann a tuath na dùthcha.

Williams

Tha mòran a' dèanamh luaidh air an actar Robin Williams, a chaochail aig a dhachaigh ann an California. Thuirt na poilis gu bheil a h-uile coltas ann gun do chuir Mgr Williams, a bha 63, làmh na bheatha fhèin. Rinn e ainm dha fhèin an toiseach sa phrògram comadaidh "Mork and Mindy" anns na 70an, mus deach e air adhart gu fiolmaichean mar Good Morning Vietnam, Dead Poets Society, Good Will Hunting agus Mrs Doubtfire.

Fèill uan na Luirge

Tha fèill uan na Luirge ann an-diugh, an fhèill aon là as motha san Roinn Eòrpa. Tha tuathanaich agus croitearan a' cur luach air fèill na Luirge mar thomhas air co ris a bhios prìs nan uan coltach am-bliadhna. Tha dùil gun tèid mu 20,000 uan agus caora mhaol tron rùp an-diugh.

Tian Tian

Thuirt Sù Dhùn Èideann an-diugh gu bheil iad gu math cinnteach a-niste gu bheil dùil aig a' phanda, Tian Tian, ri cuilean agus gum faodadh e bhith ann an ro dheireadh na mìos seo. Thuirt fear-labhairt aig an sù gur e slighe chugallach a th' ann an gin panda agus gu bheil cunnart ann gum faodadh Tian Tian an cuilean a chall, mar a thachair dhi an-uiridh. Ma thig cùisean gu buil, mar a tha dùil, 's e a' chiad turus riamh a rugadh cuilean panda ann am Breatainn.