Cùram Slàinte an asgaidh sa bhun-reachd

Canaidh am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond gum bi cùram slàinte an asgaidh mar phairt de bhun-reachd na h-Alba neo-eisimeilich.

Thuirt e gu bheil an NHS ann an Sasainn mean air mhean ga ghluasad dhan Roinn Phrìobhaidich, ach gu bheil cothrom aig Alba slighe eile a thaghadh.

Tha cùram slàinte an asgaidh nuair a tha e a dhìth ort air a bhith na bhun-phrionnsabal don NHS bho thùs.

Tha Ailig Salmond ag ràdh ge-tà, gur e barrachd na dìreach poileasaidh a th' ann, gum bu chòir dha a bhith na phàirt bunaiteach de dh'fhèin-aithne nàiseanta na h-Alba.

Tha e ag argamaid gum faodadh mar a tha an NHS ann an Sasainn ga ghluasad dhan roinn phrìobhaidich, buaidh a thoirt air Alba tro Fhoirmle Bharnett, tro ab roinnear a-mach airgead poblach air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

'S ann a tha luchd-iomairt an Aonaidh ag ràdh ge-tà nach eil Mgr Salmond ach a' feuchainn ri eagal a chur air daoine.

Thuirt iadsan gu bheil smachd air poileasaidh an NHS aig Alba mar-thà, is gun tèid cumail air le bhith a' maoineachadh an NHS ann an Sasainn le airgead poblach co-dhiù an e companaidh phrìobhaideach no an NHS fhèin a tha a' toirt cobhair dhan euslainteach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile