Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh ann an Alba agus air feadh Bhreatainn. Bha 2,000 nas lugha duine gun obair ann an Alba eadar an Giblean agus an t-Ògmhios, a' toirt na h-àireimh gu lèir ann an obair gu beagan a bharrachd air 2,000,000. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte thuit an àireamh gun chosnadh gu 2,080,000. Tha ìre chion-chosnaidh na h-Alba aig 6.4%, an aon ìre ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Ach thàinig lùghdachadh 0.2% air tuarastail agus pàigheadh anns an fharsainneachd air feadh na Rìoghachd.

Sochairean

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil figearan ùra a' dearbhadh gun cailleadh còrr is 100,000 duine an Alba sochairean ciorramachd le atharrachadh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' toirt air siostam nan sochairean. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun cuireadh ise stad air sin, nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil an t-atharrachadh ag amas air an fheadhainn as fheumaiche, agus air luach an airgid a thoirt do luchd-pàighidh na cìse.

Iorac

Chuir Breatainn agus Aimeireaga tuilleadh chobhair dha na mìltean de na fògaraich a th' air teicheadh bhon t-sabaid ann an ceann a tuath Iorac. Agus chuir na Stàitean Aonaichte tuilleadh shaighdearan, mu 130 dhiubh, a dh'Iorac, a thoirt comhairle air na faclan Curdach a tha a' strì an aghaidh àr-a-mach Ioslamaich.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Bha mu 100 duine aig coinneimh phoblaich ann an Cille Mhoire an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich an-raoir, far an deach innse do NHS na Gàidhealtachd gur ann am Port Rìgh a bu chòir ospadal ùr a thogail. Tha am Bòrd Slàinte a' gabhail beachd an t-sluaigh an-dràsta air an làraich a b' fheàrr leothasan, an t-Ath Leathann, airson ospadail ùir dhan Eilean, Loch Aillse agus pàirt de thaobh siar Rois. Dh'innis an NHS an-raoir gum bi tuilleadh ùine ann a-niste airson conaltradh air a' chùis, agus gun tèid beachd an t-sluaigh iarraidh air a' phròiseas, an dèidh mòran gearain nach robh am pròiseas sin follaiseach gu leòr.

Ionmhas NHS na Gàidhealtachd

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil dùil ri figearan ùra a dh'aithghearr a sheallas gu bheil cùisean an ionmhais aca air ais air slighe nas fheàrr. Bha tomhas ann an dèidh trì mìosan den bhliadhna ionmhais seo gum biodh am Bòrd Slàinte £15m os cionn am buidseit. Ach thuirt fear-labhairt gu bheil iad an dùil sin a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna ionmhais.

Am Post Rìoghail

Chaidh am Post Rìoghail às àicheadh nach bi iad a' togail a' phuist ach gach dàrna là às na bocsaichean puist sna sgìrean iomallach, an dèidh dhan BhPA Ghàidhealach, Rob Gibson, an dragh sin a thogail aig Holyrood. Agus thuirt Ministear na h-Iomairt ann an Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing, gu bheil dragh airsan mun bhuaidh air gnìomhachas le plana airson a bhith a' togail a' phuist nas tràithe air an là ann an cuid de sgìrean. Thuirt am Post Rìoghail nach eil planaichean sam bith aca airson gearradh air togail a' phuist anns na sgìrean iomallach, agus gur ann a tha iad a' cur tuilleadh bhocsaichean puist anns na sgìrean a tha sin.