Mìltean a' call shochairean ciorraim

Nicola Sturgeon Image copyright PA
Image caption Tha Nicola Sturgeon air gealltainn gun cuir Riaghaltas na h-Alba stad air na h-atharrachaidhean ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun caill còrr is 100,000 duine ann an Alba co-dhiù pàirt de na sochairean aca le atharrachaidhean a tha gan dèanamh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag ràdh gu bheil na gearraidhean ceàrr.

Thuirt ministearan ann an Westminster ge-tà, gu bheil iad a' feuchainn ri cuideachadh a thoirt don fheadhainn as motha air a bheil feum, agus cuideachd luach an airgid a thoirt do luchd-pàighidh nan cìsean.

Tha 190,000 Albannach a' togail sochair bith-beò nan ciorramach an-dràsta ann an Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum faodadh leth dhiubh co-dhiù £1,120 sa bhliadhna a chall ron bhliadhna 2018.

A' tighinn an àite sochair bith-beò nan ciorramach, mean-air-mhean, tha sochair saoirse phearsanta.

Gearraidh seo mu £310m bho bhuidseat nan sochairean.

Buille chruaidh

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon: "Tha na gearraidhean a thathar a' toirt gu buil a' toirt buille chruaidh air cuid de na daoine as so-leònta. Tha buaidh mì-chothromach ga toirt air daoine ciorramach.

"'S e an diofar eadar riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba nach eil coltas gu bheil diù sam bith aca mu bhuaidh nan gearraidhean seo," thuirt i.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh ge-tà, nach eil dearbhadh sam bith a' tighinn bho na Nàiseantaich mu dè dìreach a dhèanadh iadsan.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil: "Bidh Riaghaltas na h-Alba fhèin ag ràdh gu bheil feum air ath-leasachadh shochairean.

An rud nach bi iad a' dèanamh ge-tà, cha bhi iad ag innse dhuinn ciamar a bu chòir sin a dhèanamh agus, mura tig, agus gus an tig iad air adhart le molaidhean, tha an cuid càinidh coltach ri bhith a' gabhail brath air cùisean-eagail dhaoine."

Tha Nicola Sturgeon air gealltainn ge-tà, gun cuir Riaghaltas na h-Alba stad air na h-atharrachaidhean ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile