Port-adhair
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gealltanas mu chìs luchd-siubhail adhair

13 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an cìs a tha luchd-siubhail a' pàigheadh a h-uile turas a tha iad a' cleachdadh puirt-adhair na Rìoghachd Aonaichte am measg an fheadhainn as àirde air an t-saoghal.

A-nis tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn, ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd, gun tèid a' chìs a ghearradh an dàrna leth - agus aig a' cheann thall gur ma dh'fhaoidte gun tèid cuir às dhan chìs uile gu lèir.

Dè na buannachdan a thigeadh às an sin? Agus dè na cunnartan? Tha an aithris seo aig Darren Linc.