Tuathanas-èisg ga dhiùltadh
- Air fhoillseachadh

Dhiùlt Comhairle na Gaidhealtachd cead a thoirt do phlanaichean tuathannas èisg a thogail san Eilean Sgitheanach.
Fo na planaichean aig Hjaltland Seafarms bhiodh tuathanas bhradan air a bhith air a thogail air Loch Shlaopain, ach bha mòran san sgìre na aghaidh.
Mhìnich Comhairle na Gàidhealtachd iomadh adhbhar airson a dhiùltadh, ann an litir a sgrìobh iad chun na companaidh.
Thuirt iad gun robh am plana airson deich cèidsichean 120 meatair de dh'fhaid dualtach cron a dhèanamh air an sgìre agus air an àrainneachd, eadar goireasan ionadail, beathaichean na mara, agus seallaidhean dhaoine.
Chaidh iomradh cuideachd a dhèanamh air meud an sgeama.
Le naoi obraichean maireannach na chois, bha a' chompanaidh air a ràdh gun cuidicheadh e stad a chur air crìonadh sluaigh agus gum brosnaicheadh e an eaconamaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2014