Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Thuirt na Stàitean Aonaichte nach eil e cho coltach a-niste gum bi iad a' togail nam fògarach Yazidi far Beinn Sinjar ann an Iorac. Thuirt am Pentagon gun do sheall rannsachadh air an sgìre nach eil an suidheachadh cho dona agus nach eil uimhir ann 's a bha dùil de na fògaraich a th' air teicheadh bho àr-a-mach Ioslamach ann an ceann a tuath Iorac. Thuirt Rùnaire an Leasachaidh Eadar-nàiseanta ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Justine Greening, gu bheil e doirbh dearbhadh mionaideach fhaighinn air an t-suidheachadh, ach gun cùm Breatainn cobhair ris an fheadhainn a tha glacte air a' bheinn.

Trident

Tha buidheann sgrùdaidh ag ràdh nach cosgadh e uimhir 's a bha dùil armachd niuclasach Trident a ghluasad a-mach às Alba an dèidh neo-eisimeileachd. Ach tha an t-Institùd Rìoghail airson nan Seirbheisean Aonaichte ag ràdh gun toireadh e gu math nas fhaide na dh'iarradh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Thuirt an aithisg gun toireadh e cho fada ri deich bliadhna làrach ùr a stèidheachadh dha na bàtaichean-aigeann an àiteigin eile san Rìoghachd Aonaichte. Tha an SNP ag amas air a ghluasad nas lugha na ceithir bliadhna an dèidh neo-eisimeileachd.

Gàsa

Dh'aontaich Israel agus na riochdairean Pailistinianach a tha a' coinneachadh ann an Cairo anns an Èipheit, gun cuir iad còig là eile ris an fhois-fhòirneirt ann an Gàsa. Tha iad an dòchas gun toir sin ùine gu leòr dhaibh airson fuasgladh fhaighinn dhan chogadh eadar an dà thaobh.

Talamh Fiadhaich

Thuirt aithisg do Chomhairle nan Eilean Siar gum faodadh plana Dhualchas Nàdair na h-Alba airson fearann a chomharrachadh mar Thalamh Fhiadhaich, barrachd buaidh na bha dùil air obair-leasachaidh. Dh'fhoillsich SNH mapa san Ògmhios le còrr is 40 àite far am faodadh dìon sònraichte a chur an sàs. Ach tha an aithisg bho oifigearan Chomhairle nan Eilean Siar a' togail dragh mun bhuaidh a bheireadh sin air diofar sgìrean.

Airgead Ùghdarrasan Ionadail

Tha aithisg ùr an-diugh ag ràdh gum bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba iad fhèin a bhith a' togail a' mhòr-chuid den airgead a tha a dhìth orra le cìsean ionadail. 'S ann bho Riaghaltas na h-Alba a tha a' chuid as motha den airgead sin a' tighinn an-dràsta. Ach tha an aithisg bho choimisean neo-eisimeileach a chaidh a stèidheachadh airson sùil a thoirt air leasachadh air deamocrasaidh ann an Alba, ag ràdh gum biodh barrachd smachd aig na comhairlean air mar a tha iad a' cosg an airgid air na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad.