'Bhiodh e doirbh, ach cha bhiodh e do-dhèanta'

Bàta-aigeann aig Faslann Image copyright Getty Images
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba air innse mar-thà gu bheil iad airson 's gun tèid bàtaichean-aigeann Trident agus armachd niuclasach na RA a ghluasad a-mach às Alba taobh a-staigh ceithir bliadhna.

A rèir rannsachaidh ùr, "bhiodh e doirbh, ach cha bhiodh e do-dheànta" bàtaichean-aigeann niùclasach Trident a ghluasad a-mach às Alba nam biodh i na dùthaich neo-eisimeilich.

Thuirt an aithisg a rinn Institùid Rìoghail nan Seirbhisean Aonaichte gum biodh an gluasad fada nas saoire na bhathas a' beachdachadh an toiseach.

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse mar-thà gu bheil iad airson 's gun tèid bàtaichean-aigeann Trident agus armachd niuclasach na Rìoghachd Aonaichte a ghluasad a-mach às Alba taobh a-staigh ceithir bliadhna, ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Ach tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a ràdh gun toireadh an leithid de ghluasad grunn bhliadhnaichean a bharrachd, agus gun cosgadh e na billeanan notaichean a dhèanamh.

Aithisg

A-nise, tha eòlaichean aig Institùid Rìoghail nan Seirbhisean Aonaichte, buidheann feallsanachd a tha a' coimhead ri obair dìon gu sònraichte, air aontachadh gun toireadh e nas fhaide na ceithir bliadhna armachd niuclasach a ghluasad far Chluaidh ann an dòigh èifeachdaich agus sàbhailte.

Ann an aithisg ùir, tha iadsan air a ràdh gum faodadh e suas ri 12 bhliadhna a thoirt gus ionad ùr a thogail ann an Sasainn, sa Chuimrigh no ann an Èirinn a Tuath.

Thuirt an Instituid gu bheil ionad mar-thà ann an Devonport, taobh a-muigh Plymouth, a bhiodh comasach air armachd niuclasach a làimhseachadh.

Ach, a rèir choltais, bhiodh barrachd trioblaid an lùib ionad ùr a thogail mu dheas - ionad a bhiodh comasach air urchairean a chur air bòrd nam bàtaichean-aigeann - an obair a tha ga dèanamh aig ionad Choulport air Chluaidh an ceartuair.

Nam biodh obair-dealbhachaidh agus obair-togail a dhìth, thuirt iad gun toireadh e suas ri 12 bhliadhna an leithid de dh'ionad a thogail, ach gum biodh e comasach Ionad Faslann, far a bheilear a' giùlain bhàtaichean-aigeann Trident, a ghluasad gu Devonport taobh a-staigh sia no ochd bliadhnaichean.

Cosgais

Tha ministearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a ràdh roimhe gum faodadh gun cosgadh e eadar £10-30bn a bharrachd gus armachd niuclasach a ghluasad far Chluaidh.

Tha a' bhuidheann feallsanachd ag ràdh ge-tà, nach eil iadsan a' smaoineachadh gum biodh cosgais ro mhòr na lùib.

Thuirt iad gum faodar a dhèanamh air eadar £2-3.5bn a bharrachd; cosgais gu math nas lugha agus nas fhaisge air na bha Riaghaltas na h-Alba a' sùileachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iadsan fhathast a' creidsinn gum faodar armachd niuclasach a ghluasad às Alba ron bhliadhna 2020, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd.

Thug iad cuideachd gealltanas gun deadh obraichean aig ionad Faslann a dhìon, ged is e ionad àbhaisteach dhan Chabhlach Albannach a bhiodh ann, seach ionad niuclasach, nan deadh bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile