An dara deasbad ga dhearbhadh

  • Air fhoillseachadh
Ailig Salmond agus Alistair Darling
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an deasbad eadar am Prìomh Mhinistear agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla a chumail aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingove ann an Glaschu.

Tha am BBC air dearbhadh gun tèid an dàrna deasbad eadar Ailig Salmond agus Alistair Darling a chraoladh beò air an 25mh là den Lùnastal.

Thèid an deasbad eadar am Prìomh Mhinistear agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla a chumail aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingove ann an Glaschu.

Thèid a chraoladh air feadh na RA, leis an fhear-naidheachd poileataigedh Glenn Campbell air a cheann.

Mairidh an deasbad 90 mionaid, le 200 luchd-amhairc an làthair.

'S iad an luchd-amhairc a cheasnaicheas Mgr Salmond agus Mgr Darling, 's iad a' sireadh fhreagairtean do na ceistean as cudromaiche dhaibhsan.

Simulcast

'S iad a' bhuidheann-comhairleachaidh air bhòtadh is sgrùdadh, ComRes, a thaghas an luchd-amhairc gus farsaingeachd de bheachdan a riochdachadh, agus thèid an cuid cheistean a chleachdadh gu follaiseach sa phrògraim, Scotland Decides: Salmond versus Darling.

Thèid am prògram a cho-roinn mar 'simulcast' le companaidhean craolaidh eile, agus le diofar mheadhanan, pàipearan-naidheachd nam measg.

Thèid a chraoladh eadar 8:30f agus 10:00f air BBC a h-Aon Alba agus thairis air a' chorr den RA air BBC Dhà, sianailean HD nam measg. Aig meadhan-oidhche, thèid a shealltainn thar na RA air BBC a h-Aon.

Bidh an deasbad cuideachd ga shealltainn air sianail BBC News agus air BBC News World, a tha ri fhaotainn ann an 100 dùthaich.

Cluinnear 'simulcast' den deasbad cuideachd air Radio Alba agus Radio nan Gàidheal.

'Deasbad eachdraidheil'

Thuirt John Boothman, ceannard roinn nan Naidheachdan aig BBC Scotland: "Tha ùidh a' phobaill san deasbad eachdraidheil seo air a bhith làidir on toiseach agus tha ar farsaingeachd de phrògraman, thairis air na mìosan, a' soilleireachadh ar dleastanais gus dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-amhairc cho fiosraichte 's a ghabhas mu na prìomh chùisean.

"Tha deasbadan rèidio agus telebhisean, bho air feadh na dùthcha, air a bhith nam prìomh phàirt de ar prògraman, agus tha iad air cothrom a thoirt dhan luchd-amhairc riochdairean bhon dà thaobh den argamaid a cheasnachadh.

"Tha sinn a' sùileachadh gum bi an luchd-amhairc aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingrove, a thuilleadh air an fheadhainn a tha a' coimhead 's ag èisteachd aig an taigh, air am beò-ghlacadh le deasbad inntinneach mu na ceistean as cudromaiche a thaobh an referendum."

Chaidh Mgr Darling agus Mgr Samond aghaidh ri aghaidh ann an deasbad telebhise an t-seachdain seo chaidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh