Fear an grèim an Inbhir Nis an dèidh buaireadh

Tha pàirt de shràid ann an Inbhir Nis air a ghearradh dheth le na poilis, às dèidh tachartais oidhche Chiadain a dh'fhàg fireannach san ospadal.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Diriebught Court ann an sgìre Allt a' Mhuilinn sa bhaile mu 9:45f.

Thuirt Poileas na h-Alba gun deach fireannach a chur an grèim, agus gun deach fear eile a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Bha pàirtean de Rathad Diriebught fhathast dùinte feasgair Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile