Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ferguson's

Tha gàradh iarainn Ferguson's ann am Port Ghlaschu ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach le call 80 cosnadh. Chaidh an naidheachd a thoirt dhan luchd-obrach nuair a chaidh iad chun obair anns a' mhadainn an-diugh. Thèid sgioba bheag de luchd-obrach a chumail fhads a thèid feuchainn ris a' ghàradh a reic. 'S e gàradh Ferguson's an gàradh mu dheireadh air ceann shìos Chluaidh.

Iorac

Dh'iarr na Stàitean Aonaichte agus na Dùthchannan Aonaichte air sluagh Iraq an taic a chur ri riaghaltas ùr aonaichte an dèidh dhan Phrìomh Mhinistear, Nouri al-Maliki, a dhreuchd fhàgail le cuideam eadar-nàiseanta air sin a dhèanamh. Tha mòran a' fàgail air Mgr Malaiki gun do chruthaich e riaghaltas Shia, a bha ri gràin-cinnidh, as an do thòisich an t-ar-a-mach Islamach ann an ceann a tuath na dùthcha.

Dewani

Thuirt cùirt ann an Cape Town gu bheil fear-gnothaich Breatannach fut air seasamh fo chasaid gun do dh'òrdaich e do chuideigin eile a bhean a mhurt. Tha Shrien Dewani, a tha 34, agus a bhuineas do Bristol, air a bhith fo leigheas saidhciatraic bhon chuireadh a dh'Africa a Deas e anns a Ghiblein. Chaidh a bhean, Anni Dewani, a mhurt ann an Cape Town ann an 2010, goirid an dèidh dhaibh pòsadh. Tha Mgr Dewani a' dol as àicheadh gun robh gnothach aige ri a bàs. Thòisich a' chùirt na aghaidh ann an Cape Town san Dàmhair.

Bàs

Thòisich rannsachadh muirt an dèidh bàs nighinn bhig à Galashiels an dèidh a togail à amar-snàimh ann an Lytham St Annes ann an Lancashire. Chaochail an nighean, a bha 3 bliadhna de dh'aois, san ospadal ann an Manchester a-raoir. Tha boireannach à Galashiels, a tha 40, an grèim fo amharas mu mhurt agus dìth cùram cloinne.

An Ruis

Gheall Rùnaire Àrainneachd na Rìoghachd Aonaichte, Ealasaid Truss, làn taic do ghnìomhachas an iasgaich an Alba mu choinneamh casg na Ruis air biadh à dùthchannan eile. Tha Ms Truss agus Minister Cùisean Dùthchail na h-Alba, Richard Lochhead, a' coinneachadh ann an Ceann Phàdraig an-diugh ri riochdairean an iasgaich a dheasbad buaidh a' chasg orra. Bha Alba a' cur luach £16m de rionnach dhan Ruis a h-uile bliadhna.

MPA

Sgrìobh comhairliche à Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, gu Minister nan Cùisean Dùthchail, Richard Lochhead, ag innse cho mì-thoilichte 's tha daoine mu phlana son sgìre-ghlèidhte, MPA, timcheall air Hèisgeir. Tha seo a' tighinn goirid an dèidh dha tighinn am follais gu bheil inbhe eile - SPA - ga mholadh airson sgìre bho cheann a tuath na Hearadh deas gu ruige Barraigh. Thuirt Ùisdean Robasdan gum bu choir coinneamhan poblach a chumail ann an Uibhist gus am faigh a' choimhearsnachd cothrom beachd a thoirt seachad air a chùis.

Caisteal Inbhir Nis

Thèid buidheann obrach ùr a' stèidheachadh an-diugh a choimhead air leasachadh a thoirt air Caisteal Inbhir Nis. Tha beachd ann gum chòir an togalach, anns am bheil Cùirt Shiorraidh Inbhir Nis stèidhte an-dràsta, a bhith na phrìomh làrach turasachd anns a' bhaile. Bidh buill bho Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd air a bhuidhinn obrach ùr.