Fearann ga thabhann do NHS na Gàidhealtachd
- Published
Chaidh fearann an asgaidh a thabhann do sheirbheis slàinte na Gàidhealtachd airson ospadal ùr an eilein a thogail ann am Port Rìgh.
Dh'innis Dòmhnall MacSuain gun robh e deònach an làrach a thoirt dhaibh.
Tha eas-aonta san eilean mu càite am bu chòir an ospadal ùr a bhith stèidhichte - ann am Port Rìgh no san Ath Leathann.
Tha NHS na Gàidhealtachd an-dràsta a' dèanamh co-chomhairleachaidh phoblach air an làraich as freagarraiche.
Ro chosgail
An-dràsta, tha dà ospadal a' frithealadh muinntir an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse - fear dhiubh ann am Port Rìgh agus fear eile san Ath Leathann.
Ach tha NHS na Gàidhealtachd air a ràdh gu bheil e ro chosgail na dhà dhiubh a chumail fosgailte.
Mhol am buidheann stiùiridh gun deadh an t-ospadal ùr a thogail san Ath Leathann, ach chan eil sin a' còrdadh ri muinntir Thròndarnais is Phort Rìgh.
Chaidh a' bheachd sin a dhèanamh glè shoilleir aig coinneamh ann am Port Rìgh oidhche Ardaoin.
Aig a' choinneamh, thabhann Dòmhnall MacSuain fearann an asgaidh dhan t-seirbheis slàinte airson an ospadal ùr a thogail.
Bhiodh trì acaire na chois air iomall Phort Rìgh.
Co-dhùnadh
Thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Drew Mac a' Mhuilleir, gum b' fhiach an cothrom a ghabhail.
"Thabhann fireannach fearann a reic riutha, ach an uair sin sheas fireannach eile agus thabhann esan fearann trì acaire dhan t-seirbheis slàinte an asgaidh.
"Tha mi an dòchas gum beachdaich iad air an sin," thuirt an Comh.
Ann am brath-naidheachd, thug tè-labhairt bhon t-seirbheis slàinte taing do Mhgr MacSuain airson an tairgse fialaidh.
Ach, mar a chaidh innse aig a' choinneamh, thuirt i nach tig atharrachadh air cùisean agus co-chomhairleachadh phoblach fhathast ga dhèanamh air an t-suidheachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 13 An Lùnastal 2014