Mìos ri dhol chun an Referendum

Carraigh-cuimhne do Dhearbhadh Obar Bhrothaig Image copyright Getty Images
Image caption Chan eil àite nas eachdraidheil do nàiseantaich Albannach na Obar Bhrothaig, far an deach Dearbhadh ainmeil a sgrìobhadh sa 14mh linn, a' tagradh cùis na neo-eisimeileachd.

Bidh an dà thaobh san deasbad mu neo-eisimeileachd a' comharrachadh gu bheil mìos ann Diluain gus am bhòt muinntir na h-Alba anns an referendum.

Bidh Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Obar Bhrothaig, fhad 's a bhios Nas Fheàrr Còmhla a' sireadh taic ann an Glaschu.

Geallaidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, dùthaich nas beartaiche agus nas cothromaiche, ma bhòtas muinntir na h-Alba airson an t-Aonadh fhàgail.

Cleachdaidh luchd-iomairt Nas Fheàrr Còmhla na seachdainean a th' air fhàgail airson fios a chur chun a h-uile duine nach eil air co-dhùnadh deireannach a dhèanamh fhathast air ciamar a bhòtas iad.

Dearbhadh ùr

Chan eil àite nas eachdraidheil do nàiseantaich Albannach na Obar Bhrothaig, far an deach Dearbhadh ainmeil a sgrìobhadh sa 14mh linn, a' tagradh cùis na neo-eisimeileachd.

Diluain, tadhlaidh Ailig Salmond air Abaid Obar Bhrothaig, an t-àite far an deach Dearbhadh Obar Bhrothaig a sgrìobhadh sa bhliadha 1320.

An sin, nì Mgr Salmond dearbhadh ùr - "Dearbhadh a Chothroim" - a' gealltainn, am measg eile, gun tèid Seirbheis na Slàinte a dhìon bho ghearraidhean Westminster ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Canaidh e gun deadh trì phrìomh chothroman a bhuileachadh le neo-eisimeileachd:

  • An cothrom ar seirbheis slàinte a dhìon bho phrìobhaideachadh agus gearraidhean Westminster
  • An cothrom Alba nas cothromaiche a chruthachadh, le bhith a' cur às do na h-ionnsaighean air na daoine as laige 's as so-leònte nar sòisealtas, agus don ana-chothrom a th' air àrdachadh san àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh bhancaichean-bidhe adhbharachadh
  • An cothrom do dhaoine òga fuireach san dùthaich ri linn nan cothroman eaconamach a thigeadh mar phàirt de neo-eisimeileachd.

Mòr-chuid

Aig a' cheart àm, bidh Rùnaire Dùbhlanach nan Dùthchannan Cèin, Dùghlas Alexander, ann an Glaschu.

Bidh teachdaireachd gu math sìmplidh aig a' Bhall-Phàrlamaid Làbarach.

Canaidh Mgr Alexander nach eil cunntas-bheachd neo-eisimeileach sam bith air sealltainn gu bheil daoine ann an Alba, mar mhòr-chuid, ag iarraidh neo-eisimeileachd.

Bheir e rabhadh do luchd-taic an Aonaidh ge-tà, ag ràdh, ma tha iad ag iarraidh gum fuirich Alba mar phàirt den Aonadh leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, gum feumar a dhol a-mach air là an referendum agus bhòtadh airson sin.