Dùil ri beachdan mhuinntir Bharabhais air an ath-mhìos

Barabhas
Image caption Chaidh coinneamhan poblach a chumail ann am Barabhas agus ann an Siabost aig deireadh na seachdain seo chaidh.

Thèid sgrùdadh fhoillseachadh, air an ath-mhìos, air na bhiodh an cois Oighreachd Bharabhais a cheannach dhan choimhearsnachd, le dòchas an dèidh sin a' cheist a chur gu bhòt.

Chaidh coinneamhan poblach a chumail ann am Barabhas agus ann an Siabost aig deireadh na seachdain seo chaidh.

Mar phàirt de sgrùdaidh ion-dèantachd, a chaidh a thòiseachadh o chionn sia seachdainean, chaidh co-chomhairleachadh poblach a chumail le muinntir na sgìre gus am beachdan a shireadh air a' chùis.

Thèid aithisg, le beachdan na coimhearsnachd, fhoillseachadh air an 24mh là den t-Sultain.

Thuirt cathraiche na buidhne-stiùiridh, Aonghas MacLeòid, nach eil fios aig a' bhuidhinn-stiùiridh fhathast dè na beachdan a thàinig am follais.

"Bha sinn a' cluinntinn beagan an siud 's an seo, ach cha d' fhuair sinn càil ann an sgrìobhadh bhuapa fhathast," thuirt Mgr MacLeòid.

Buannachdan

An dèidh dhan aithisg a bhith air fhoillseachadh, thèid geàrr-chunntas a chur chun a h-uile dachaigh anns an oighreachd.

Thèid coinneamh, no coinneamhan, eile a chumail sa choimhearsnachd an dèidh làimh gus ceistean sam bith a fhreagairt agus, beagan ùine an dèidh sin, thèid baileat a chumail gus dearbhadh a bheil muinntir na sgìre airson a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach, no nach eil.

"Tha an oighreachd a tha seo gu math beartach, nan deadh a stiùireadh anns an dòigh cheart," bheachdaich Mgr MacLeòid.

Thuirt e gu bheil buannachdan na lùib leithid iasgach a' bhradain agus gnìomhachas a' Chlò Hearaich ann an Siabost.

Thuirt e cuideachd gu bheil taighean aig an oighreachd a dh'fhaodadh a bhith air an cur gu barrachd feum.

"Tha sinn fhèin a' smaoineachadh gum biodh e iomchaidh gu leòr an oighreachd a cheannach, 's nach biodh call sam bith ann," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo