Corp ann an Inbhir Nis

Published

Chaidh corp boireannaich òig a lorg ann an Inbhir Nis Didòmhnaich.

Dh'innis Poileas na h-Alba gun d' fhuaireas an corp air Rathad Island Bank ri taobh Abhainn Nis mu 5.20f.

Thuirt iad nach eil fios aig an ìre seo dè thug bàs dhan bhoireannach.

Tha na poilis air rannsachadh a thòiseachadh is tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a bh' anns an sgìre trath Didòmhnaich fios a chur orra.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh