Luaidh ga dhèanamh air Sam Mac a' Bhreatannaich

Sam Mac a' Bheatannaich Image copyright PA
Image caption Tha luaidh ga dhèanamh air Sam Mac a' Bhreatannaich, a bha na mhinistear Làbarach sa chiad Riaghaltas Albannach às dèidh fèin-riaghlaidh.

Tha luaidh ga dhèanamh air Sam Mac a' Bhreatannaich, a bha na mhinistear Làbarach sa chiad Riaghaltas Albannach às dèidh fèin-riaghlaidh.

Mus deach e an sàs ann am poileataigs, bha cliù aige mar lannsair eanchainn.

Bha e 68 bliadhna de dh'aois.

B' e Sam Mac a' Bhreatannaich aon de na lannsairean eanchainn as cliùitiche air an t-saoghal, ach dh'atharraich e a dhreuchd airson a dhol an sàs ann am poileataigs.

Chaidh a thaghadh mar bhall Làbarach de Phàrlamaid Westminster ann an 1987.

Geur

Bha e aithnichte airson a bhith a' cheart cho èibhinn 's a bha e airson eanchainn geur.

Ann an 1999, chaidh a thaghadh airson a' Phàrtaidh Làbaraich sa chiad Riaghaltas Albannach às dèidh fèin-riaghlaidh.

Bha Eanraig MacGillÌosa, a bha na Phrìomh Mhinistear ann am Pàrlamaid na h-Alba, a' cuimhneachadh air.

"Bha Sam na sheirbheiseach poblach dìleas. Bha inntinn gu math, gu math geur aige. Bha e gu math dìreach le a bheachdan agus cha deidhinn-sa a dh'argamaid le Sam mura bithinn air tòrr smaoineachaidh a dhèanamh mun chùis.

Image caption Chaidh Sam Mac a' Bhreatannaich thaghadh mar bhall Làbarach de Phàrlamaid Westminster ann an 1987.

"Ann an ciad làithean na pàrlamaid ùire, bha Sam uabhasach làidir, uabhasach seasmhach, le beachdan daingeann agus, ann an dòigh gu math sùimeil, chan fhulaingeadh e amaideas sam bith. Ach bha feum air a h-uile càil a bha sin," thuirt e.

Sgamhan ùr

Bha e am measg nan ciad daoine anns an Roinn Eòrpa a fhuair sgamhan ùr.

Leig sin leis beatha àbhaisteach a chumail, a' sreap chnoc agus ràinig e àirdean poileataigeach cuideachd - mu dheireadh na mhinistear.

Bha e na Mhinistear Slàinte agus pròiseil mu dheidhinn a bhith a' togail ospadal ùra.

Ach, bha e an lùib connspaid aig a' cheart àm; bha e na mhinistear airson cloinne nuair a thog e a ghuth an aghaidh a bhith a' cur às do Roinn 28 - lagh a bha a' casg a bhith a' moladh càirdeis gèidh ann an sgoiltean.

"Tha triùir chloinn òga agam agus, gu sealladh orm, nach cuir sibh earbsa annam mun seo," thuirt e.

Ministear

Bha e na Mhinistear airson Foghlaim nuair a dhùisg connspaid mhòr eile mu theisteanasan-sgoile.

Chuidich e Hampden a shàhaladh nuair a bha e na Mhinistear Spòrs, agus mar Mhinistear Cultair thug e na milleanan do dh'Opara na h-Alba.

"Ann an uiread de dhòighean, b' e duine iongantach a bh' ann an Sam - sàr lannsair eanchainn agus mar a tha fios, cha robh e fhèin fallainn airson amannan fada de a bheatha.

"Ach a dh'aindeoin sin, cha do lùghdaich a ghràdh airson beatha.

"Bha e cuideachd buileach feumail nuair a bhathar a' cur a' chiad chaibineit den Phàrlamaid Albannaich air chois agus, mar sin, tha deagh chuimhnichean agamsa air Sam agus 's e là dubhach a tha seo, chan ann a-mhàin do mhuinntir na h-Alba, ach do a theaghlach," thuirt Eanraig MacGillÌosa.

Molaidhean

Ann an 2001, dìreach sia mìosan an dèidh bàs a dheagh charaid Dòmhnall Dewar, a' chiad Phrìomh Mhinistear a bh' aig Alba an dèidh fèin-riaghlaidh, sheas e sìos bho phoileataigs air adhbharan slàinte.

Thuirt Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn, gur e duine mìorbhaileach a bh' ann am Mgr Mac a' Bheatannaich - dotair air leth, deagh fhear-poileataigs agus deagh fhear-teaghlaich.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gun robh e an còmhnaidh a' strì gus beatha dhaoine eile a chuideachadh, ged a bha duilgheadasan slàinte aige fhèin.

Thuirt Mgr Salmond gun robh e a' smaoineachadh air a theaghlach agus air a chàirdean aig an àm seo.

Tha Sam Mac a' Bheatannaich a' fàgail a bhean, Nicola, agus triùir nighean, Mhairi, Heather agus Fiona.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile