Boireannach a chaochail ga h-ainmeachadh

Chaidh boireannach òg a fhuaireadh marbh ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain ainmeachadh gu h-ionadail mar Charlotte Hornby.

Fhuaireadh a corp faisg air Rathad Island Bank sa bhaile mu 5:20f Didòmhnaich.

Bha Charlotte Hornby, a bha 24, a' fuireach air Rathad Dubhrais ann an Inbhir Nis, 's bha i roimhe na sgoilear aig Acadamaidh na Cananaich.

Tha sgrùdadh nam poileas a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile