Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atmhorachd

Thuit reit na h-atmhorachd anns an Rìoghachd Aonaichte san Iuchair. Bha an CPI, a tha a' clàradh cosgais na tha daoine a' ceannach, sìos gu 1.6% san Iuchair bho 1.9% san Òg-Mhìos. Thuirt Oifis an Staitisig Nàiseanta gun robh an clàr-reic, an RPI, sìos gu 2.5% bho 2.6%.

Faraidhean rèile

Thèid faraidhean rèile na h-Alba suas mu 2.5% an ath-bhliadhna airson tiocaidean seusan agus na h-amannan as trainge den là. Tha an t-àrdachadh sin stèidhichte air ìre na h-atmhorachd. Thuirt Scotrail gu bheil sin a' ciallachadh nach bi àrdacadh sam bith air 40% de na faraidhean àbhaisteach aca. Bidh àrdachadh mu 3.5% sa chumantas anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus na faraidhean sin stèidhichte air clàr an RPI.

Irac

Tha aithrisean ann an Irac gun do thòisich feachdan an riaghaltais air iomairt mhòr airson saighdearan Islamach na buidhne IS a chur a-mach à baile Tikrit, mu 100 mìle tuath air Baghdad. Thuirt an Ceann-suidhe Obama an-raoir gur e adhartas mòr a bh' ann dam mhòr faisg air Mosul a gabhail air ais bho na feachdan Islamach.

Ferguson

Tha poilis anns na Stàitean Aonaichte air a bhith a' losgadh gas agus stun grenades air sluagh a tha a' togail fianais oidhche eile ann am Ferguson ann am Missouri. Tha aramach sa bhaile bho chionn còrr 's seachdain a-niste an dèidh do phoilis deugaire dubh a mharbhadh an uair a loisg iad air sia tursan le gunna. Chuir poilis armaichte na h-uimhir de dhaoine an grèim an-raoir.

Obar Dheathain

Chaill fear de na ceannardan a dhreuchd aig luaithreachan ann an Obair Dheathain far a bheil rannsachadh mun dòigh san robh an t-ionad a' làimhseachadh dust chloinne. Chaidh Derek Snow a chasg re-ùine air a' mhìos seo chaidh bho dhreuchd aig Luaithreachan Hazlehead.

MG ALBA

Gheibh a' chompanaidh chraolaidh MG Alba £1m eile thairis air dà bhliadhna bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a' tadhal air oifisean MG Alba ann an Steòrnabhagh an-diugh far an do innis e gun dùblaich an Riaghaltas an taic dhan chraoladair eadar seo agus 2016.