Bàs air an rèile ann an Loch Abair
- Published
Chaochail fireannach an dèidh do thrèana bualadh ann ann an Loch Abair.
Thuirt Poilis Còmhdhail Bhreatainn gun deach seirbheisean èiginn a ghairm gu crois-rèile ann an Inbhir Lòchaidh, faisg air a' Ghearasdan, mu 08:00m Dimàirt.
Thuirt Scotrail gu bheil maill air seirbheisean eadar an Gearasdan agus a' Chrìon-làraich ri linn.
Thuirt na Poilis nach eil amharas orra mun bhàs aig an ìre seo.