Roinn Whitehall a' dìon mheòrachan

Ionad-obrach
Image caption Tha Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan a' dol às àicheadh gun deach moladh dhan luchd-obrach aca ann an Alba bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Chaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às àicheadh gun deach iarraidh air 10,000 den luchd-obrach aca ann an Alba bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum.

Tha seo a' tighinn às dèidh comhairle a chur Rùnaire Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan ann an Lunnainn a-mach ro bhòt na h-ath-mhìos.

Ann am meòrachan a chaidh a sgaoileadh gu 10,000 neach a bhios ag obair do Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan, sgrìobh an t-Àrd-sheirbhiseach Catharra, Raibeart Devereux, gun robh e cudromach gun tuigeadh an luchd-obrach gun robh an referendum eadar-dhealaichte bho thaghadh àbhaisteach.

Image copyright Other

Leis gur e poileasaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh a ghlèidheadh, bheachdaich e gum biodh e dligheach agus riatanach do dhaoine anns an t-seirbheis chatharra taic a chur ris a' phoileasaidh seo.

Stiùireadh

Tha Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan a' dol às àicheadh gun deach moladh dhan luchd-obrach aca ann an Alba bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Tha labhraiche bhon DWP a' cumail a-mach gur e a-mhàin stiùireadh a bha seo air seasamh na seirbheis ron bhòt.

Tha na h-aonaidhean ciùird air meòrachan Mhgr Devereux a chàineadh ge-tà, ag ràdh gu bheil i neo-mhothachail agus air a droch sgrìobhadh.

Thuirt iad cuideachd gun robh e follaiseach nach robh Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan ann an Lunnainn mothachail air cho doirbh agus cho toinnte 's a dh'fhaodadh cùisean a bhith an-dràsta do luchd-obrach na h-Alba.

Leisgeul

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag ràdh gum bu chòir do Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan leisgeul iarraidh airson a' mheòrachain.

Thuirt e: "'S e cùis iomagain a tha ann. Aig a' char as lugha chanadh tu gun deach a dhroch sgrìobhadh. Nam biodh tu uabhasach fialaidh chanadh tu gur e mearachd a bh' ann.

"Bu chòir dhaibh a tharraing air ais anns a' bhad, bu chòir dhaibh a shoilleireachadh. Chan fhaod iad innse dhan luchd-obrach ciamar a bhòtas iad."

Thuirt labhraiche do Phàrlamaid na h-Alba: "Mar phàirt de dh'Aonta Dhùn Èideann, tha riaghaltasan na RA agus Alba air cur romhpa cumail ris na riaghailtean a thaobh foillseachadh sna 28 làithean ron referendum.

"Rè na h-ùine sin, bidh na bacaidhean seo a' ciallachadh gun tèid foillseachaidhean agus gnìomhachd phoblach sam bith a thaobh ghnothaichean referendum a dhèanamh tro iomairt no phàrtaidh shònraichte, seach an riaghaltas."

Thuirt fear-labhairt às leth na h-iomairt Bu Chòir: "Ma tha am fiosrachaidh a th' air a thoirt seachad do luchd-obrach na seirbheis chatharra leis na h-àrd-oifigearan ga bhreithneachadh mar gum bithear ag innse dhaibh ciamar a bhòtas iad, bhiodh e ciallach sgrùdadh a dhèanamh air an fhiosrachadh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile