Dragh mu ghluasad sgoile am Barraigh

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thuirt a' Chomhairle gun deach cùisean a mhìneachadh don phàrant, 's gun deach ùine gu leòr a thoirt dhi.

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh is Uibhist a Deas a' cumail a-mach nach d' fhuair pàrant ann am Barraigh èisteachd a bha "cothromach, dòigheil agus laghail" aig comataidh de dh'ath-thagradh sgoile.

Dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt don chloinn aig Kerry Ann NicLeòid gluasad bho Sgoil Bhàgh a' Chaisteil gu Sgoil Eòlaigearraidh, aig ceann a tuath an eilein.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford a' cur ceist co-dhiù chaidh na riaghailtean a leantainn gu ceart.

"Tha mi a' feuchainn ri dèanamh cinnteach, an taic as urrainn dhuinn a thoirt seachad, gu bheil e ceart agus reusanta, agus gum faigh am boireannach fhèin agus a' chlann aice èisteachd chothromach, dhòigheil, laghail," thuirt e.

"Agus tha mise gu math cinnteach, nam bheachd fhèin 's nam fhaireachdainn, nach eil sin air tachairt.

"Chan eil e buileach soilleir gur e na riaghailtean fhèin a th' ann. Dh'fhaodadh e a bhith air a ràdh gur e an dòigh san deach na riaghailtean a chur an grèim, no a thuigsinn.

"Ge b' e gu dè mar a chuireas sinn seachad an deasbad sin, an rud a dh'fheumas tachairt, 's e gum faigh am boireannach, agus a' chlann, an cothrom dòigheil rudeigin laghail, cothromach fhaighinn," thuirt e.

Thuirt a' Chomhairle gun deach innse don phàrant mar a dh'obraicheadh an èisteachd ro-làimh, gun robh cothrom ann a' chùis a mhìneachadh agus ceistean fhaighneachd agus gun deach ùine gu leòr a thoirt dhi sin a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile