Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Foley

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Philip Hammond, nach cuireadh e iongnadh air ged a b' e Breatannach a rinn, a rèir choltais, murt air fear-naidheachd Aimearaganach. Chuir ceannairich Ioslamach bhidio air-loidhne agus iad a' cur a' chinn far duine, 's iad ag ràdh gur esan Seumas Foley, a chaidh a chur am bruid ann an Siria ann an 2012. 'S e cainnt Bhreatannach a tha aig an duine a rinn am marbhadh. Tha a' bhuidheann Ioslamach, IS, ag ràdh gur e dìoghaltas a tha sin airson ionnsaighean Aimearaganach orrasan. Thuirt Mgr Hammond gur fhada bho bha riaghaltas ag aithneachadh cunnart bho Bhreatannaich a tha a' tionndadh gu ceannairc Jihad, agus tha am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, a' fàgail a shaor-làithean airson coinneamhan a chumail aig Sràid Downing.

Referendum

Canaidh na Làbaraich an-diugh gun dèanadh neo-eisimeileachd cunnart dhan BhBC an Alba, le buaidh air cosnaidhean agus prògraman, 's iad ag ràdh gun cailleadh luchd-amhairc mòran de na prògraman a tha a' còrdadh riutha. Air an taobh eile dhen deasbad, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toireadh iad atharrachadh air an lagh gus am biodh cothrom nas fheàrr aig boireannaich air cosnadh aig àrd-ìre ann an dreuchdan poblach.

Gàsa

Thuirt Hamas gun deach bean agus leanabh fear de na commandairean aca a mharbhadh le ionnsaigh a thug itealan cogaidh Israelach air Gàsa. Tha Isreal ag ràdh gu bheil Hamas air còrr is 70 rocaid a losgadh orra on a bhrist an fhois-fhòirneart an-dè.

Missouri

Ghabh ceudan dhaoine pàirt ann an togail fianais ann am baile Ferguson ann an Missouri anns na Stàitean Aonaichte an dèidh dha na poilis an dàrna duine dubh a mharbhadh. Thuirt na poilis gun do rinn an duine mèirle agus gun robh e a' maoidheadh orra le sgian, anns an aon sgìre san deach deugaire dubh eile, Mìcheal Brown, a mharbhadh bho chionn faisg air cola-deug nuair a loisg poilis airsan.

Bochdainn

Thèid innse do cho-labhairt ann an Dùn Èideann an-diugh gu bheil nas lugha dhaoine beò ann am bochdainn ann an Alba na tha anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Ach thàinig àrdachadh air an àireamh dhachannan ann an Alba a tha fon ìre bith-beò as lugha ris am biodh dùil. Rinn oilthighean bho air feadh Bhreatainn an sgrùdadh, am fear as motha riamh air bochdainn.

Barraigh

Tha comhairliche a' gearain nach d' fhuair pàrant ann am Barraigh èisteachd chothromach nuair a dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar cead dhi a clann a ghluasad à Sgoil Bhàgh a' Chaisteil gu Sgoil Eòlaigearraidh. Tha Dòmhnall Manford mì-thoilichte mun dòigh san do dhèilig comataidh ath-thagraidh nan sgoiltean ri Kerry Ann NicLeòid. Thuirt a' Chomhairle gun deach innse dhan phàrant ro-làimh mar a dh'obraicheadh an èisteachd, gun robh cothrom ann a' chùis a mhìneachadh agus ceistean fhaighneachd, agus gun deach ùine gu leòr a thoirt dhi sin a dhèanamh.