Sir Ian a' toirt rabhaidh mu thuairmsean ola

Sir Ian Wood
Image caption Rinn Sir Ian sgrùdadh do Riaghaltas na RA, a' coimhead air mar a ghabhas an t-airgead as motha fhaighinn on Chuan a Tuath sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha fear de phrìomh luchd-gnothachais ola na h-Alba air a ràdh gu bheil tuairmsean Riaghaltas na h-Alba mu na th' air fhàgail de dh'ola sa Chuan a Tuath suas ri 60% ro àrd.

Chaidh figear de 24bn barrail fhoillseachadh ann am Pàipear Geal an Riaghaltais, tuairmse bhon bhuidhinn Ola is Gas na RA.

Ach tha Sir Ian Wood a' cumail a-mach gu bheil an àireamh sin eadar 45% agus 60% ro àrd, a' tuairmse gum bithear a' faighinn an t-siathamh cuid de na h-ìrean a th' ann an-dràsta ro 2050.

Tha esan den bheachd nach eil ach eadar 15bn agus 16bn barrail de dh'ola air fhàgail.

Rabhadh

Thug Sir Ian rabhadh gun cailleadh Alba neo-eisimeileach gu dona a thaobh eaconamachd chumhachd.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air a ràdh roimhe gu bheil gnìomhachas na h-ola aig cridhe na tha ro Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach.

Mura dèanar fuasglaidhean mòra ùra, tha e den bheachd nach eil càil a bharrachd air 35 bliadhna de dh'ola agus de ghas air fhàgail agus gum feumar seo a thoirt fa-near ann an eaconamachd neo-eisimeileachd.

Thuirt Sir Ian: "Bheir cion teachd-a-steach bho ola agus gas a' Chuain a Tuath buaidh mhòr air an eaconamaidh, obraichean agus cothromachadh malairt, le àrdachaidhean mòra ann an cosgaisean chumhachd - agus buaidh mì-fhàbharach air an dìleab airson na ginealaichean ri teachd ann an Alba neo-eisimeileach."

Mhìnich e: "Tha e a' ciallachadh gum feum an luchd-bhòtaidh as òige a bhith mothachail, mus ruig iadsan meadhan-aois, gur e glè bheag de dh'ola agus gas a bhios air fhàgail an Alba agus gun toir seo buaidh mhòr air an eaconamaidh, obraichean agus seirbheisean poblach.

"A thuilleadh air an sin, tòisichear a' faireachdainn a' bhuil ro 2030, 's chan eil sin ach 15 bliadhna air falbh."

Sgrùdadh

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond roimhe gun robh "àm ri teachd làidir agus seasmhach" aig a' ghnìomhachas ann an Alba neo-eisimeileach.

A rèir Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing: "Tha aithisg Sir Ian fhèin a' sealltainn gu bheil an RA air a bhith truagh gu ruige seo, agus cuideachd gur e na roghainnean a thèid a dhèanamh san àm ri teachd as cudromaiche.

"Tha sinn air roghnachadh fàs cho math 's as urrainn dhuinn, feum a dhèanamh de dh'ùr-ghnàthachadh, agus na làn-bhuannachdan, a dh'aidich Sir Ian a tha ann, a shireadh bho bheartas na h-ola do mhuinntir na h-Alba."

Na bu tràithe air an t-seachdain, thuirt aithisg gum faodadh teachd-a-steach a' Chuain a Tuath a bhith a shia uimhir 's a bha comataidh faire eaconamach Breatannach air ro-aithris.

Image copyright Getty Images
Image caption Anns a' Mhàirt, dh'fhoillsich Oifis Cunntalachd a' Bhuidseat, an OBR, gun robh iad ag ìsleachadh na ro-aithris aca air an airgead a thig bho ola agus ghas.

Dh'fhoillsich Oifis Cunntalachd a' Bhuidseit, an OBR, ro-aithris de £61.6bh de theachd-a-steach bho ola agus gas a' Chuain a Tuath eadar 2013/14 agus 2040/41, ach thuirt N-56 gum faodadh an àireamh sreap cho àrd ri £365bn, nan deadh sreath de mholaidhean a thoirt gu buil.

Chaidh N-56 a stèidheachadh le Dan MacDhòmhnaill, a tha na bhall de bhòrd chomhairleachaidh Bu Chòir Alba, a tha ag iomairt airson neo-eisimeileachd.

Leig Sir Ian dheth a dhreuchd mar chathraiche air Wood Group, buidheann a bhiodh a' frithealadh chompanaidhean ola sa Chuan a Tuath, ann an 2012.

Bha e air a bhith na chathraiche air a' chompanaidh on bhliadhna 1982 agus b' e an t-Àrd-Oifigear a bh' orra eadar 1967 agus 2006.

Rinn Sir Ian sgrùdadh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte o chionn ghoirid, a' coimhead air mar a ghabhas an t-airgead as motha fhaighinn on Chuan a Tuath sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile