Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Tha poilis agus na seirbheisean brathaidh a' feuchainn ri dearbhadh cò an duine a th' air bhidio air-loidhne a' murt an fhir-naidheachd Aimearaganaich, Seumas Foley. Tha amharas ann gur e Breatannach Ioslamach a th' ann a chaidh dhan chogadh ann an Siria. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum feuch iad ri stad a-niste a chur air Breatannaich bho bhith a' siubhal mar shaighdearan Jihad dhan chogadh ann an Siria agus Iorac.

Airgead

Tha Institiud Adhaimh Mhic a' Ghobhainn ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh gun aonta fhoirmeil leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte no Banca Shasainn. Tha a' bhuidheann-sgrùdaidh neo-eisimeileach ag ràdh gur ann a neartaicheadh sin siostam ionmhais na h-Alba, leis gum biodh bancaichean gu math nas faiceallaiche agus nas cùramaiche mun dòighean-obrach. Thuirt Nas Fheàrr Còmhla gur e tubaist uabhasach a thigeadh às air a' cheann thall. Tha an iomairt airson neo-eisimeileachd ag ràdh ge-tà, gum bi aonta-airgid ann an dèidh neo-eisimeileachd.

Gàsa

Dh'iarr Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte air Israel 's a' bhuidheann Phailistinianach, Hamas, sgur an-dràsta fhèin den t-sabaid ann an Gàsa, agus tòiseachadh air còmhraidhean às ùr. Dh'innis Hamas nas tràithe an-diugh gun deach triùir de na h-àrd chomanndairean aca a mharbhadh le ionnsaigh Israelach air Gàsa.

Bàs leanabh

Tha dithis bhoireannach fo chasaid an dèidh bàs leanabh ann am Fìobha. Chaochail Liam Fee, a bha 2, aig a dhachaigh ann an Thornton anns a' Mhàirt. Thèid na boireannaich, a tha 30 agus 27, dhan chùirt ann an Cathair Challtainn.

Reynolds

Chaochail seann Thaoiseach na h-Èireann, Albert Reynolds. Bha e 81. Bha Mgr Reynolds aig meadhan ìre-thràth pròiseas na sìth ann an Èirinn a Tuath, agus gu mòr an sàs ann an Cunnradh Shràid Downing ann an 1993.

Gunnaichean

Nì Comataidh a' Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba sgrùdadh an-diugh air an dòigh sa bheil oifigearan poilis armaichte ann an Alba a' giùlain ghunnaichean nan obair àbhaisteach, làitheil. Bidh dà rannsachadh ann a dh'aithghearr air a' phoileasaidh sin, agus tha buill na comataidh gu bhith a' ceasnachadh an fheadhainn a bhios os an cionn.