Dithis Lib-Deamach a' cur taic ri neo-eisimeileachd
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich dithis de dh'àrd-luchd-poileataigs Lib-Deamach gum bi iad a' cur taic ri neo-eisimeileachd ann am bhòt na h-ath-mhìos.
Dh'innis an Dr Mìcheal Foxley, a bha roimhe na Fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd, gu bheil esan draghail mun bhuaidh a bheireadh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd air an NHS an Alba.
Thuirt e gu bheil dragh air mun t-slighe a tha an NHS ann an Sasainn a' gabhail, 's gur e Alba neo-eisimeileach, na bheachd-san, an dòigh as fheàrr air an t-seirbheis slàinte a ghlèidheadh.
"Bha mi ag obair dhan NHS airson 40 bliadhna agus tha mi den làn-bheachd gur ann an Alba neo-eisimeileach a bhios an cothrom as fheàrr againn a bhith cinnteach à seirbheis a bhios làidir, fulangach agus a' toirt seachad cùraim an asgaidh, mar a tha e a dhìth.
"Ged a tha e gur tur tiomnaichte, tha an NHS ann an Alba ann an cunnart bho bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, ri linn a' bhuil a dh'fhaodadh a bhith aig ìrean gu tur diofraichte de chùram shlàinte agus pròiseasan maoineachaidh a bheireadh lùghdachadh air ar maoin a rèir foirmle Bharnett."
Thuirt an Dr Foxley cuideachd gu bheil feum air leasachaidhean eile air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, leithid atharrachadh air poileasaidh an fhearainn.
Oghaichean
Thuirt Iain Barrett, a bha na BhP ann an Westminster eadar 2001 is 2010, gun robh neo-eisimeileachd a' toirt cothrom do dh'Alba atharrachadh, a dheadh "a chall gu bràth nam bhòtadh daoine na aghaidh".
Na bu tràithe air a' bhliadhna seo, thuirt Mgr Barrett gun bhòtadh esan airson an taobh as fheàrr a dhèanadh dealbh air dùthaich anns am biodh na h-oghaichean aige airson fàs suas.
Ged a tha a' mhòr-chuid den phàrtaidh a' toirt taic do bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, thuirt Mgr Barrett gun robh e an dùil gum biodh tuilleadh dhaoine sa phàrtaidh aig an robh an aon bheachd ris-san.
Thuirt Mgr Barrett: "Tha na Lib-Deamaich bho thùs air taic a chur ri RA fheadaralaich, ach chan eil sin air a' phàipear-baileat. Dh'aontaich ceannardan a' phàrtaidh an taic a chur ri Nas Fheàrr Còmhla. Tha mise ge-tà, air co-dhùnadh gur e bhòt Bu Chòir air an 18mh là den t-Sultain an ath-roghainn as fheàrr."
Chuir Ceannard na h-iomairt Bu Chòir Alba, Blair Jenkins, fàilte air naidheachd gu bheil an Dr Foxley agus Mgr Barrett a' cur taic ri iomairt Bu Chòir.
"Thairis air iomadach bliadhna, nam beatha phoileataigeach, tha an dithis aca air cur gu mòr ris a' bheatha Albannaich agus, tha sinn a' tuigsinn, gur iadsan dìreach dithis bhon phàrtaidh a tha ag aithneachadh gur e neo-eisimeileachd an aon shlighe air adhart, an aon chothrom do dh'Alba a bhith na dùthaich chothromaich," thuirt e.