Na ceistean mu dheireadh

Dè tha ann de dh'ola fon a' Chuan a Tuath, agus an toireadh an freagairt buaidh air ur bhòt fhèin?

Tha Johann Lamont agus Ruth Davidson ag ràdh gum bu chòir gun toir.

Chleachd iad an cothrom mu dheireadh aca Ailig Salmond a cheasnachadh gus beachd an fhir ghnìomhachais Sir Ian Wood a thogail anns an t-seòmar.

An-dè, thuirt Sir Ian gun robh tuaiream Mhgr Salmond air meud agus luach na h-ola ro àrd.

'S e 24bn barail a tha anns a' phàipear gheal a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an-uiridh.

Thuirt Sir Ian gu robh eadar 15bn agus 16.5bn air fhàgail fhathast, a' fàgail gun robh àireamh a' phàipeir ghil eadar 45% agus 60% ro àrd.

Eaconamaidh

Bu chòir, thuirt Johann Lamont, an fhìrinn a bhith ag an luchd-bhòtaidh mus tig iad go co-dhùnadh mu neo-eisimeileachd.

Agus, thuirt i, gur ainneamh a bhiodh Mgr Salmond a' freagairt nan ceistean aice, air ola, airgead agus tòrr eile.

Ach thuirt am prìomh mhinistear gun robh barrachd ri fhaodainn air sgàth dhòighean-obrach ùra a dh'fhosgladh raointean nach deach a chleachdadh fhathast.

Tha luchd an Aonaidh ag ràdh gu bheil an ola a' ruith a-mach agus i ro chugallach eaconamaidh an h-Alba a chrochadh oirre.

Tha luchd-taic neo-eisimeileachd ag ràdh gur e buannachd seach bunait a tha innte do dh'eaconamaidh a tha làidir.

Nuair a thilleas buill gu Holyrood, bidh fios againn dè a' bheachd a tha aig an luchd-bhòtaidh.