Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla gan casg sna sgoiltean

Sgoil MhicNeacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg nan còig ùghdarrasan ionadail a th' air cead a thoirt don dà thaobh a bhith ag iomairt sna sgoiltean aca.

Thàinig e am follais gu bheil na prìomh bhuidhnean iomairt, airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, air an casg bhon mhòr-chuid de sgoiltean na dùthcha.

Tha 27 ùghdarrasen ionadail, a-mach à 32, air co-dhùnadh nach fhaod Bu Chòir Alba agus Nas Fheàrr Còmhla a bhith ag iomairt sna sgoiltean aca.

Tha a' chuid as motha de chomhairlean air a ràdh ge-tà, gum bi saorsa aig na sgoilearan bruidhinn mun referendum taobh a-staigh na sgoile.

Airson a' chiad turais san RA, bidh daoine òga aois 16 agus 17 - a' chuid as motha dhiubh fhathast san àrd-sgoil - ceadaichte bhòtadh san referendum.

Tha na lorgaidhean seo a' tighinn air a' chiad là de "purdah" - ùine far a bheil bacaidhean gan cur air buidhnean poblach,

Riaghailtean

Air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain, tha bacaidhean gan cur air riaghaltasan 's air ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach nach toir iad buaidh air taobh seach taobh san deasbad.

Tha mòran chomhairlean Albannach air roghnachadh gabhail ri riaghailtean "purdah" nan cuid sgoiltean, air thoiseach air là na bhòt.

Am measg nan còig ùghdarrasan ionadail a th' air cead a thoirt don dà thaobh a bhith ag iomairt sna sgoiltean aca, tha Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt a' Chomhairle: "Tha cead aig an dà bhuidhinn iomairt tadhail sna h-àrd-sgoiltean. Tha cuairtean sam bith gan stiùireadh le ceannardan sgoile, 's uallach orrasan dèanamh cinnteach gun tèid cùisean a rèir stiùreadh na Comhairle."

B' iad Siorrachd Obar Dheathain, Siorrachd Àir an Ear, Arcaibh agus Sealltainn na ceithir comhairlean eile a thug cead don dà bhuidhinn a bhith ag iomairt sna sgoiltean aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile