Bu Chòir Alba air an targaid a choileanadh

  • Air fhoillseachadh
Luchd-taic Bu Chòir AlbaTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Nuair a chaidh Dearbhadh Bu Chòir a chur air bhog ann an 2012, chuir Bu Chòir Alba romhpa millean ainm-sgrìobhte a chur ris.

Tha an iomairt Bu Chòir Alba air a ràdh gu bheil millean duine air an ainm a chur ri pàipear, ag innse gu bheilear a' dol a bhòtadh airson neo-eisimeileachd air an ath-mhìos.

Nuair a chaidh Dearbhadh Bu Chòir a chur air bhog ann an 2012, chuir Bu Chòir Alba romhpa millean ainm-sgrìobhte a chur ris.

Aig an àm, thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond, nan deadh an t-amas sin a choileanadh, gum biodh Alba neo-eisimeileach.

Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a tha a' cur taic ris an Aonadh, gur bheil iadsan fhathast a' riochdachadh a' mhòr-chuid de dh'Albannaich.

Tha Dearbhadh Bu Chòir ag ràdh: "Tha mise den bheachd gu bheil e nas fheàrr dhan a h-uile duine, ma thèid co-dhùnaidhean mu àm ri teachd na h-Alba a dhèanamh leis an fheadhainn aig a bheil as motha spèis do dh'Alba, muinntir na h-Alba. Bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh gum biodh àm ri teachd na h-Alba ann an làmhan na h-Alba."

Buannachdail

Thuirt Ceannard na h-iomairt Bu Chòir Alba, Blair Jenkins, gun robh a bhith a' dol thairis air millean duine aig an ìre seo a' soilleireachadh gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd air slighe bhuannachdail.

"Tha sinn uabhasach taingeil - chan ann a-mhàin don mhillean duine ann an Alba a th' air an ainm a chur ri Dearbhadh Bu Chòir, ach cuideachd do na mìltean de dhaoine air feadh na dùthcha a th' air obrachadh gu cruaidh, gu saor-thoileach, gus an targaid seo a choileanadh le mìos fhathast ri dhol.

"Tha barrachd is barrachd dhaoine a-nis mothachail mu na cothroman mìorbhaileach a bhiodh an lùib bhòt Bu Chòir. Tha daoine a' faicinn gur e bhòt airson neo-eisimeileachd a-mhàin a chuireas dìon air an NHS an Alba agus seirbheisean poblach eile, a nì fàs air an eaconamaidh gus obraichean nas fheàrr a chruthachadh, agus gus Alba a dhèanamh na sòisealtas nas cothromaichte.

"Tha teachdaireachd an là an-diugh a' sealltainn an ìre de thaic a tha sinn a' faighinn, agus tha e a' toirt misneachd dhuinn agus sinn ag obair gus mòr-chuid Bu Chòir a ghlèidheadh air an 18mh Sultain."

Tèarainnte

Thuirt Bu Chòir Alba gun robh 1,001,186 ainm-sgrìobhte aca air 4:00f Diardaoin.

Thuirt fear-labhairt airson Nas Fheàrr Còmhla: "Fhad 's a tha na Nàiseantaich a' cur seachad mòran ùine a' còmhradh ri nàiseantaich eile, tha sinne airson dearbhadh do dhaoine nach eil air aontachadh ciamar a tha iad a' dol a bhòtadh gum faodadh a' chuid as fheàrr de dhà shaoghal a bhith aig Alba taobh a-staigh na RA.

"Faodaidh na rudan a tha a' mhòr-chuid de dh'Albannaich ag iarraidh a bhith againn, às aonais chunnartan - barrantas air tuilleadh chumhachdan do dh'Alba, ga neartachadh le bhith mar phàirt de RA nas motha, nas làidire agus nas tèarainnte.

"Bu chòir dhuinn Cha Bu Chòir a ràdh ri sin a chur ann an cunnart air an 18mh Sultain."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh