Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

IS

Thuirt na Stàitean Aonaichte gur e radaigeachd na buidhne IS ann an Siria agus Iorac an cunnart as motha do dh'Aimeireaga bho chionn ùine mhòir, agus tha Washington ag ràdh gum feum iad 's dòcha a dhol às dèidh radaigeach anns na dùthchannan sin airson dèiligeadh ris a' chunnart. Thuirt am Morair Dannat a bha aig aon àm na cheannard air an Arm ann am Breatainn, gum feum dùthchannan an taobh siar a bhith deònach bruidhinn ris a' Cheann-suidhe Assad ann an Siria mus toir iad buaidh air an Stàit Ioslamaich.

Fergusson's

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' tadhail air Gàradh Iarrainn Fergusson's ann am Port Ghlaschu an-diugh, 's e a' bruidhinn ri cha-mhòr trì fichead is deichnear den luchd-obrach a chaill an cosnadh nuair a chaidh a' chompanaidh gu rianachd an t-seachdain seo chaidh. Tha luchd-rianachd a' beachdachadh an-dràsta air na tairgsean a fhuair iad airson an gàradh a ghabhail thairis.

Sgoiltean

Tha casg bhon mhòr-chuid de sgoiltean na h-Alba air na prìomh bhuidhnean a tha ag iomairt airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd ann an Alba. Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg nan còig ùghdarrasan ionadail den 32 a th' air feadh Alba, a tha a' toirt cead do Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla a bhith a' tadhail air na sgoiltean aca.

Banca a' Cho-op

Bha call de £76m, ro chìsean, air Banca a' Cho-op air a' chiad shia mìosan den bhliadhna seo. Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad a dh'aindeoin sin a' dèanamh adhartais, an dèidh a bhith faisg air a dhol fodha an-uiridh.

An Caol Arcach

Thèid sgeama cho mòr 's a bhios air an t-saoghal a' cleachdadh chumhachd na tìde-mhara a thogail sa Chaol Arcach, a' tòiseachadh ro dheireadh na bliadhna. Thuirt Atlantis Resources gun d' fhuair iad an £50m a tha a dhìth orra, le £20m dheth sin bho Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Cuiridh iad ceithir innealan tuirbìn an sàs mar dheuchainn, agus tha iad ag amas air a' cheann thall air còrr is 250 dhiubh a chur air grunnd na mara.