Salmond is Darling a' dol aghaidh ri aghaidh
- Published
Thèid am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, aghaidh ri aghaidh oidhche Luain san dàrna deasbad telebhisein air thoiseach air an referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba.
Tha dùil gum bithear a' beachdachadh air cùisean leithid airgead, an t-seirbheis slàinte agus ola is gas a' Chuan a Tuath.
Chaidh a' chiad deasbad eatorra a chraoladh air STV air an 5mh là den Lùnastal, le gach taobh ag ràdh gur e an duine acasan a shoirbhich.
Thèid deasbad na h-oidhche nochd a chraoladh eadar 8:30f agus 10:00f air BBC a h-Aon Alba, agus thairis air a' chorr den RA air BBC Dhà.
Air an 18mh den t-Sultain, thèid faighneachd do dhaoine ann an Alba a tha clàraichte 'son bhòtadh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimileach?" Bidh dà roghainn aca - "Bu chòir" no "Cha bu chòir".
Cruth
Thèid am prògram a dhèanamh ann an ceithir earrainnean.
A' Chiad Earrainn: Briathran fosglaidh - tòisichidh Ailig Salmond, le Alistair Darling a' dol san dàrna àite. (Roghnaich Mgr Salmond tòiseachadh, an dèidh bonn a thilgeil).
An Dàrna Earrainn: Na Cùisean - Thèid an dithis an sàs ann an deasbad mu na cuspairean a leanas:
- An Eaconamaidh
- Seasamh na h-Alba gu h-ionadail
- Seasamh na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta
- Dè thachras às dèidh na bhòt.
Thèid gach earrainn fhosgladh le ceist bhon luchd-amhairc.
An Treas Earrainn: Cruaidh-cheasnachadh - tòisichidh Alistair Darling, le Ailig Salmond a' dol san dàrna àite. (Roghnaich Mgr Darling tòiseachadh, an dèidh bonn a thilgeil).
An Ceathramh Earrainn: Briathran dùnaidh - tòisichidh Ailig Salmond, le Alistair Darling a' dol san dàrna àite. (Roghnaich Mgr Darling a dhol san dàrna àite, an dèidh bonn a thilgeil).
Craoladh
Thèid an deasbad eadar am Prìomh Mhinistear agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla a chumail aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingove ann an Glaschu, leis an fhear-naidheachd phoileataigedh Glenn Campbell air a cheann.
Mairidh an deasbad 90 mionaid, le 200 luchd-amhairc a chaidh a thaghadh leis a' bhuidhinn-chomhairleachaidh air bhòtadh is sgrùdadh, ComRes, an làthair.
An dèidh nam briathran fosglaidh agus deasbad mu cheithir chùisean, gheibh Mgr Salmond agus Mgr Darling cothrom a chèile a cheasnachadh.
Chithear agus cluinnear an deasbad aig na h-amannan a leanas:
- Beò eadar 8:30f agus 10:00f air BBC a h-Aon Alba agus thairis air a' chorr den RA air BBC Dhà / BBC Dhà HD.
- Aig meadhan-oidhche, thèid a shealltainn thar na RA air BBC a h-Aon.
- Cluinnear 'simulcast' den deasbad cuideachd air Radio Alba agus Radio nan Gàidheal.
Bidh an deasbad cuideachd ga shealltainn air sianail BBC News agus air BBC News World, a tha ri fhaotainn ann an 100 dùthaich.
Soirbheachail
Nuair a choinnich an dithis luchd-poileataigs airson a' chiad deasbad, bha gach taobh a' cumail a-mach gur e an duine acasan a shoirbhich.
Am measg prìomh thachartasan, chaidh faighneachd 21 tursan do Mhgr Darling an robh esan ag aontachadh leis a' Phrìomhaire Daibhidh Camshron gun robh e comasach do dh'Alba a bhith na "dùthaich shoirbheachail neo-eisimeileach".
Phiobraich ceasnachadh Mhgr Darling a thaobh phlanaichean Ailig Salmond airson airgead na dùthcha mòran còmhraidh sna meadhanan sòisealta, le còrr is 2,000 tweet gan cur tron phàirt sin dhen deasbaid.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 14 An Lùnastal 2014
- Published
- 6 An Lùnastal 2014