Corp ga lorg ann an Rùm
- Air fhoillseachadh

Chaidh iomairt-teasairginn a thòiseachadh ann an Rùm Disathairne is fear-coiseachd a dhìth sa bhaile.
Chaidh corp fireannaich a lorg ann an Eilean Rùm Didòmhnaich.
Bha na seirbheisean-èiginn air iomairt a chur air dòigh san eilean madainn Disathairne is fear-coiseachd a bha suas ann am bliadhnaichean air a dhol a dhìth.
Bha Maoir-chladaich Steòrnabhaigh, Bàta-Teasairginn Mhalaig agus Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair agus na poilis an lùib na h-iomairt.
Dhearbh na poilis oidhche Dhòmhnaich gun deach corp fireannaich a lorg air cliathach beinne is coltas ann gun robh an duine air tuiteam.
Chaidh fios a leigeil gu a theaghlach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh