Cothroman ciùird dhan òigridh

Taigh Image copyright HHP
Image caption Tha Buidheann Taigheadas Innse Gall a' togail thaighean ùra air feadh nan Eilean Siar.

Tha còignear dhaoine òga anns na h-Eileanan an Iar air obair fhaighinn mar phàirt de chùmhnant far an tèid taighean ùra a thogail.

Fhuair a' chompanaidh ionadail CalMax cùmhnant gus còrr is 60 dachaigh a thogail do Bhuidheann Taigheadas Innse Gall.

Mar phàirt den aonta feumaidh a' chompanaidh cothrom a thoirt do dh'òigridh ceàird ionnsachadh.

"Tha e cudromach gu bheil na daoine a tha a' fuireach anns na coimhearsnachdan, daoine òga gu h-àraidh a tha a' coimhead gum faigh iad obair, tha e ceart gum bi nàdar de chùmhnant eadar na daoine a tha a' toirt seachad an obair agus an fheadhainn a tha a' dèanamh an obair dhaibh," thuirt Tormod MacLeòid bho Bhuidheann Taigheadas Innse Gall.

Thuirt Mgr MacLeòid gur e fìor dheagh chothrom a bhios ann dhan òigridh, ged a dh'aidich e gum b' fheàrr leis a' bhuidhinn barrachd chothroman a chruthachadh.

Ionmhas

"Chan eil mòran ionmhais againn, ach tha sinn toilichte gun d' fhuair sinn air còig obraichean a thoirt dha daoine òga.

"Bidh iad a' toirt a-mach diofar cheàirdean. Tha fear aca a' dèanamh saoirsinneachd, fear eile ag obair air clachaireachd, tha fear a' peantadh, tha fear a' dèanamh plumaireachd, agus fear eile a bhios ag obrachadh an innealraidh.

"Tha CalMax fhèin airson nan daoine a thrèanadh. Tha iad a' faicinn buannachd dhaibh fhèin agus dha na balaich òga a tha sin, feadhainn nach fheum a-nise falbh gu Tìr-Mòr airson obair fhaighinn," thuirt e.

Fon chùmhnant seo thèid còrr is 60 taigh a thogail ann an Steòrnabhagh, Ceann a Tuath nan Loch, Ùig agus Baile a' Mhanaich, le cothrom fhathast gun tèid a leudachadh gu Barraigh.

Tha dùil gum mair an obair gu Samhradh 2015.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile