Cupa MhicAmlaidh dhan Bhail' Ùr

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bail' Ùr an t-Slèibh 2 Caol Bhòid 1

Chaidh Cupa MhicAmlaidh air ais do Bhail' Ùr an t-Slèibh airson a' chiad turas bho 1986 agus sgioba Bhàideanach a' soirbheachadh 2-1 an aghaidh Chaoil Bhòid san Òban.

A dh'aindeoin 's gun robh beachd aig cuid de na h-eòlaichean ro-làimh gun robh an geama a' tighinn aig àm gu math fàbharach do Chaol Bhòid, 's ann aig a' Bhail' Ùr a bha làmh an uachdar sa chiad leth.

Cha robh e na iongnadh mar sin nuair a chaidh iad air thoiseach às dèidh 16 mionaidean - Danny MacRath le oidhirp ìosal seachad air Coinneach Dòmhnallach.

Bha bodach Thaigh na Bruaich trang gu leòr agus grunn shàbhalaidhean air leth aige.

Bha còir aig a' Bhail' Ùr tadhal eile a chur às dèidh fear de na sàbhalaidhean sin, nuair a thuit am ball aig casan Chaluim Stìubhairt, ach chaidh an oidhirp aige seachad air an targaid.

Fìdeag

Dh'fhalbh an fhìdeag an uair sin ach bha an rèitire, Deek Camhshron, ro thràth is bha aig na sgiobaidhean ri tilleadh dhan phàirc airson còig mionaidean eile.

Cha tàinig tadhal eile, 's bha am Bail' Ùr air thoiseach 1-0 nuair a thàinig lethach ùine ann an da-rìribh.

Dh'fhaodte gun d' fhuair Caol Bhòid rocaid bhon sgioba-choidsidh, oir dhùisg iad san dàrna leth agus bha iad co-ionnan ann an 53 mionaidean.

Thàinig beagan fortan dhaibh agus am ball a' briseadh gu Donnchadh MacIlleChiar, 's bhuail esan e seachad air Mìcheal Ritchie.

'S ann dha MacIlleChiar an uair sin a thuit cothrom air leth le cairteal na h-uaireach ri dhol.

Àrd

Nochd e aig a' phost chùil gun duine faisg air, ach shlaic e am ball àrd agus seachad air a' phost, 's aig 1-1, chaidh na sgiobaidhean gu ùine a bharrachd.

Bha cothroman aig gach taobh, 's bha coltas ann gun robhar a' dol gu slaicean-peanais nuair a thàinig an tadhal a bhuannaich an cupa dhan Bhail' Ùr.

Cha deach aig Caol Bhòid am ball fhaighinn air falbh agus thuit e aig casan Fhriseil Mhic an Tòisich.

Chaidh an oidhirp aigesan ìosal seachad air Dòmhnallach 's bha Cupa MhicAmhlaidh air ais aig Bail' Ùr an t-Slèibh.

Là sònraichte dhaibhsan, 's chan eil a dhìth orra ach puing bho Inbhir Aora ann an cola-deug gus a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh a-rithist cuideachd.

Cothrom

Tha teans gum bi an gnothach seachad fiù 's mus tachair an geama sin agus Lòbhat feumach air dà phuing an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich Disathairne seo tighinn gus cothrom sam bith a bhith acasan air an tiotal.

Tha e coltach gun tig am blàr gus àite fhaighinn anns a' Phrìomh Lìog an ath-sheusan sìos chun gheama mu dheireadh, às dèidh dhan Ghearasdan agus Camanachd an Òbain crìochnachadh 1-1 Disathairne.

Chuir Arran Mac a' Phì an Gearasdan air thoiseach ach thàinig freagairt bho Lorn Dickie agus chaidh na puingean a roinn.

Thèid sgioba an Òbain a-nis an aghaidh na Manachainn, is geamaichean aig a' Ghearasdan an aghaidh Ghlinn Urchaidh is Eilean Bhòid.

Coinnichidh iad an uair sin a-rithist ann an geama mòr san Òban air an 27mh den t-Sultain.

10 a-mach à 10

Rinn na Sgitheanaich a' chùis 4-2 air Srath Ghlais ann an Lìog Tuath 1 Disathairne, 's iad a-nise air 10 a-mach à 10 a bhuannachadh.

Nì dà phuing eile cinnteach air an tiotal agus a h-uile coltas gun tig iad an aghaidh Ghlinne Urchadain ann am Port Rìgh Disathairne seo tighinn.

Tha a h-uile coltas ann cuideachd gur ann an aghaidh Bhaile a' Chaolais a bhios na Sgitheanaich a' cluiche air a' cheann thall airson àite san Lìog Nàiseanta, 's iadsan a-nis feumach air dà phuing à dà gheama gus Lìog Deas 1 bhuannachadh. Rinn iad an gnothach 1-0 air Obar Dobhair Disathairne.

Chaidh Lìog Deas 2 a cho-dhùnadh air an deireadh-sheachdain, Inbhir Aora ga bhuannachadh às dèidh dhaibh Gleann Urchaidh a phronnadh 6-0.

Leis an dàrna sgioba a' soirbheachadh am-bliadhna agus an sgioba fo aois 17 a' togail Chupa MhicÙisdein, bidh dòchas air bruaichean Loch Fìne gu bheil ginealach math ùr a' tighinn air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile