Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Deasbad

Thèid ceannard an SNP, Ailig Salmond, agus Alistair Darling bho Nas Fheàrr Còmhla, air beulaibh an t-sluaigh aig Taigh-Tasgaidh Khelvingrove an Glaschu a-nochd san dàrna deasbad beò air an telebhisean ron referendum an ceann beagan agus trì seachdainean. Bidh mu 200 duine an làthair aig an deasbad, a thèid a chraoladh air a' BhBC.

Murt

Thòisich rannsachadh murt ann an Dùn Èideann an dèidh bàs duine air an deach ionnsaigh a thoirt ann an sgìre Wester Hailes feasgar Dihaoine. Chaochail an duine, a bha 31, ann an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann anns a' mhadainn an-diugh. Tha na poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic dad de na thachair ann an Dumbryden Gardens, Dihaoine.

Ebola

Thuirt Roinn na Slàinte ann an Westminster nach eil fear à Breatainn idir fìor thinn an dèidh an galair Ebola a thogail ann an Sierra Leone. Tha Uilleam Pooley, nurs a tha 29, fo chùram aig Ospadal an Royal Free ann an Ceann a Tuath Lunnainn.

ISIS

Dh'iarr Mayor Lunnainn, Boris Johnson, laghan nas cruaidhe airson dèiligeadh ri radaigich a tha a' fàgail Bhreatainn airson a dhol a shabaid ann an Iorac agus Siria. Agus thuirt e gum bu chòir an cead-siubhail agus saoranachd Breatannach a thoirt bho an leithid.

Hollande

Tha Ceann-Suidhe na Frainge, Francois Hollande, air an riaghaltas aige a chur ma sgaoil an dèidh càineadh air a phoileasaidhean eaconomaigeach. Bha cuid de na ministearan air a bhith ag iarraidh gu poblach gun toireadh an riaghaltas atharrachadh air a chùrsa.

Heseltine

Dh'iarr am Morair Heseltine, a bha na Leas-Phrìomhaire air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, oileanaich à dùthchannan eile fhàgail far liostaichean in-imreachd na dùthcha. Tha am Morair ag ràdh gu bheil cunnart ann, le bhith a' cunntais nan oileanach ann an targaidean an riaghaltais, gun dèan e cron air oilthighean Bhreatainn agus cliù na dùthcha thall-thairis.

Attenborough

Tha mòran a' dèanamh luaidh an-diugh air an stiùiriche agus cleasaiche fiolm, am Morair Attenborough. Chaochail e còig là goirid air a bhith 91 bliadhna. Tha Richard Attenborough ainmeil mar actair anns na fiolmaichean "The Great Escape" agus "Ten Rillington Place", agus mar stiùiriche air "Ghandi", fiolm a fhuair ochd duaisean Oscar.