Ministearan a' cur taic ri neo-eisimeileachd

Brath-naidheachd Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd Image copyright Christians for Independence
Image caption Tha 33 ainm-sgrìobhte air a' phàipear a chaidh fhoillseachadh le Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd.

Tha còrr is 30 ministear bho Eaglais na h-Alba air an ainm a chur ri pàipear, ag innse gu bheilear a' cur taic ri neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thathas a' creidsinn gun tèid sòisealtas nas cothromaiche a chruthachadh ann an Alba an dèidh bhòt "Bu chòir", agus gum faighear cuidhteas de dh'armachd niuclasaich.

Thuirt an Dr. Anndra MacIllFhialain, a bha roimhe na Mhodaràtair air Eaglais na h-Alba, gur e armachd Trident "an rud as miosa ann an Alba".

Tha an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a tha a' cur taic ris an Aonadh, air a ràdh gu bheil daoine o gach diofar creideamh airson sgaradh a sheachnadh.

Thuirt an Ceart-Urr. Dr. Anndra MacIllFhialain: "Air an 18mh là den t-Sultain tha aon chothrom againn an rud as miosa ann an Alba a thoirt air falbh.

"Tha e math a bhith a' bruidhinn an aghaidh armachd niuclasaich, tha e math a bhith ag iomairt an aghaidh armachd niuclasaich, agus tha e math a' bhith ag ùrnaigh airson cur às dhiubh.

"'S e bhòt "Bu chòir" anns an referendum a bheir atharrachadh air a h-uile càil."

'Iongnadh mòr'

Am measg nan daoine eile a chuir an ainm-sgrìobhte ris a' phàipeir, bha Tormod Shanks, a bha roimhe na neach-gairm air Comataidh Eaglais is Nàisean na h-Eaglaise, agus Ron Fearghastan, a bha roimhe na mhinistear ann an Cathair-Eaglais an Naoimh Mhanus ann an Arcaibh 's a bhiodh a' sgrìobhadh dhan phàipear-naidheachd, An Herald.

Chaidh am pàipear a cho-òrdanachadh leis a' bhuidhinn Crìosdaidhean airson Neo-eisimeileachd.

Thuirt am Fear-gairm, am BPA Daibhidh MacThòmais, gun robh e "na iongnadh mòr" dhan bhuidhinn gun robh uiread de mhinistearan bho Eaglais na h-Alba a' cur taic ri iomairt "Bu Chòir Alba".

Dh'fhoillsich Modaràtair Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba brath-naidheachd ag ath-dhaingneachadh nach eil an Eaglais a' taobhadh ri taobh seach taobh san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt an Ceart-Urr. Iain Chalmers: "Ged a thathas mothachail gu bheil farsaingeachd de bheachdan am measg ar buill agus ar ministearan, tha Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba 2014 air aontachadh, cha-mhòr gu tur, gum mair an eaglais neo-phàirteach mu cheist neo-eisimeileachd na h-Alba.

"Tha 794 ministearan againn ann an dreuchd agus 1,050 air an dreuchd a leigeil dhiubh, sin 1,844 uile gu lèir agus, mar sin, chuir timcheall 1.8% an ainm ris a' phàipear, agus còir aca sin a dhèanamh.

"Tha an Eaglais, mar bu dual dhi, airson deasbad is conaltradh a bhrosnachadh mu na cùisean a tha cudromach - ceartas sòisealta, bochdainn, foghlam agus sìth," thuirt e.

'Seasmhachd agus tèarainnteachd'

A rèir fear-labhairt do Nas Fheàrr Còmhla: "Tha daoine o gach diofar creideamh, agus gun chreideamh idir, ag iarraidh sgaradh a sheachnadh ri linn a' chunnairt agus na mì-chinnt a tha an lùib a bhith a' fàgail na RA.

"Le bhith ag ràdh "Cha bu chòir", faodaidh a' chuid as fheàrr de dhà shaoghal a bhith aig Alba, le tuilleadh cho-dhùnaidhean gan dèanamh an Alba, buidhnean Albannach sònraiche, agus an neart, seasmhachd agus tèarainnteachd a thig an cois a bhith mar phàirt den RA."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile