BBC Naidheachdan

Campas ùr Inbhir Nis

Published
image caption'S ann aig Beechwood - no am Faidhbhileach mar a bh' air an àite gu h-eachdraidheil - air taobh sear Inbhir Nis a tha an leasachadh. A bharrachd air dachaigh ùr do Cholaiste Inbhir Nis, bidh ionad-rannsachaidh, taigh-òsta agus goireasan spòrs an lùib an leasachaidh. Tha HIE air £25m a chur ris a' phròiseict.
image captionTha togalach ùr Colaiste Inbhir Nis aig cridhe na làraich. Bidh an t-ionad, a chosgas £50m, deiseil anns an t-Samhradh 2015.
image captionBidh àite ann airson còrr is 6,500 oileanach.
image captionTha cruth ùr-nosach air na beingean.
image captionAch tha dòighean nas traidiseanta ri fhaicinn cuideachd.
image captionChaidh lochan ùr a chruthachadh, le àite do dhaoine stad agus sealladh a ghabhail air an làraich.
image captionTha gailearaidh gun mhullach air eilean san lochan. Thathas an dòchas gun tèid cuirmean a chur air adhart an seo.
image captionFaodaidh luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagal tighinn chun na làraich air 'An Drochaid Òr', tarsainn air an A9.