Iarrtas Sròn na Luirge dhan chùirt

Crainn-ghaoithe Image copyright Getty Images
Image caption Bhiodh 67 crainn san leasachadh aig Sròn na Luirge.

Tha buidheann-ghlèidhteachais a' dol dhan chùirt ann an oidhirp stad a chur air planaichean airson tuath-gaoithe a thogail faisg air Cille Chuimein.

Fhuair SSE Renewables cead bho Riaghaltas na h-Alba san Òg-Mhìos gus 67 crainn a thogail ann an sgeama Sròn na Luirge air Oighreachd Earragaidh.

Tha dùil gun tigeadh cumhachd gu leòr bhon leasachadh gus dealan a chumail ri 114,000 dachaigh agus gun rachadh £30m a thogail dhan choimhearsnachd thairis air 25 bliadhna.

Sgrios

Dh'innis a' bhuidheann Urras Iain Mhuir ge-tà, gun dèanadh an tuath-gaoithe sgrios air an àrraineachd ann am pìos den Mhonadh Liath.

Chuir an carthannas ath-chuinge gu Cùirt an t-Seisein a dh'iarraidh ath-bhreithneachaidh laghail air a' ghnothach.

Thuirt cathraiche Urras Iain Mhuir, Iain MacUisdein, nach eil mar a chaidh cead a thoirt dhan sgeama gun rannsachadh poblach ionadail a' tighinn a rèir gheallaidhean an Riaghaltais gus talamh nàdarra a dhìon bho leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile