Deasbad an Referendum

  • Air fhoillseachadh
Salmond agus DarlingTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Bha 200 duine san luchd-amhairc, aig Gailearaidh is Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an Glaschu.

Choinnich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, anns an dàrna deasbad beò air an telebhisean mu neo-eisimeileachd do dh'Alba, air thoiseach air referendum na Sultaine.

Chaidh an deasbad a chumail leis a' BhBC aig Gailearaidh agus Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an Glaschu. Bha Glenn Caimbeul sa chathair, le luchd-amhairc de 200 duine, air an taghadh leis a' chompanaidh chomhairleachaidh chunntasan beachd agus rannsachaidh ComRes.

Am measg nan cuspairean a nochd ann an deasbad a bha gu math sradagach, bha airgead na h-ola, an t-airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach, agus armachd niuclasach.

Thuirt Mgr Salmond gun robh Mgr Darling a' taobhadh ris na Tòraidhean a thaobh phoileasaidhean a chuireadh clann Albannach ann am bochdainn.

Ceasnachadh

Chaidh Mgr Darling às àicheadh sin, agus thug e dùbhlan do Mhgr Salmond a-rithist innse dè am plana B a bh' aige airson siostam airgid do dh'Alba.

An dèidh a' chiad deasbaid, bha gach taobh ag ràdh gur iadsan a rinn a' chùis, ach sheall cunntas-bheachd gur e Mgr Darling a bhuannaich.

An dèidh an dàrna deasbaid, sheall cunntas-bheachd aithghearr a rinn am pàipear-naidheachd an Guardian còmhla ris a' chompanaidh thomhais ICM, gun robh Mgr Salmond air a' chùis a dhèanamh air Mgr Darling 71% gu 29%.

Chaidh an deasbad, a mhair 90 mionaid, a chraoladh beò air BBC a h-Aon ann an Alba, agus BBC a Dhà anns a' chòrr den RA.

Thug an dithis òraidean fosglaidh seachad aig toiseach gnothaich, mus do ghluais an deasbad air adhart gu ceithir cuspairean, air an cur air adhart le ceistean bhon luchd-amhairc.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mr Darling was met with boos from the audience as he attempted to further press Mr Salmond on the issue of currency

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Is it sensible?" Alex Salmond asked Alistair Darling four times, over the issue of the renewal of the Trident nuclear weapon programme

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ailig Salmond: "Seo ar n-àm, seo ar mòmaid - dèanamaid a-nis e"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Alasdair Darling: "'S e seo co-dhùnadh nach gabh tionndadh"

Thugadh ochd mionaidean an urra do gach fear an uair sin a chèile a cheasnachadh air a' chuspair.

B' ann air sochairean a bu mhotha a chùm Mgr Salmond aire, ag ràdh gun robh atharrachaidhean aig Westminster a' cur mu 100,000 duine-cloinne Albannach, agus àireamh coltach ris de dhaoine ciorramach, ann am bochdainn.

"Seadh, tha cùisean doirbh a thaobh na h-eaconamaidh an-dràsta, ach 's e comharra riaghaltais, nuair a thathar ann an suidheachadh den t-seòrsa sin, nach ann air guailnean nan ciorramach, 's nach ann air guailnean theaghlaichean le cloinn a chuireas tu an t-uallach. Agus cha chuirear cìs air seòmraichean cadail - a' chìs as amaidiche ann an eachdraidh, tha fhios," thuirt Mgr Salmond.

Thuirt e gun robh Mgr Darling "san leabaidh leis na Tòraidhean", agus dh'iarr e air trì chumhachdan ainmeachadh a bheireadh Westminster do Phàrlamaid na h-Alba a leigeadh leotha obraichean a chruthachadh ma bhòtas an sluagh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Darling, mar BhP Làbarach, nach robh e taiceil ri atharrachaidhean sochairean an Riaghaltais.

Iasad

Ach thuirt e, leis mar a tha aois an t-sluaigh ann an Alba ag èirigh, gum b' fheàrr na cosgaisean a tha an lùib a bhith a' toirt seachad shochairean a roinn eadar sluagh na RA gu lèir.

"Cha toireadh duine taic do a bhith a' diùltadh cobhair do dhaoine a tha feumach air. Cha b' urrainnear. Tha dleastanas oirnn taic a thoirt do dhaoine a tha feumach air taic," thuirt Mgr Darling.

"Ach airson sin a dhèanamh, feumaidh tu bun-stèidh. 'S e an rud a tha a' cur dragh ormsa, ma bhios sinn ann an suidheachadh far a bheileas a' gearradh chothroman do chompanaidhean a tha a' cruthachadh beartais, agus ri linn sin a' cruthachadh teachd-a-steach bho chìsean, a phàigheas airson a' bhun-stèidh sin. Fàgaidh sin nas duilghe dhuibh pàigheadh airson na taice a bhios a dhìth san àm ri teachd."

Dh'iarr Mgr Darling na bu thràithe san deasbad gun innis am Prìomh Mhinistear dè am Plana B a bh' aige airson an airgid a chleachdadh Alba, nan diùltadh an còrr den RA aonadh-airgid a stèidheachadh le Alba.

"Tha thu a' cluich le cunnart ma shaoileas tu gu bheil gach rud dìreach gus tuiteam na àite," thuirt Mgr Darling.

Planaichean B

"Tha mise den bheachd gur e droch rud a bhiodh ann an aonadh-airgid do dh'Alba, oir dh'fheumadh ar buidseat a bhith air a cheadachadh chan ann leinn fhèin, ach le dùthaich a bhiodh an uair sin na dùthaich chèin. Cha b' fheàrr sin don chòrr den dùthaich nas motha."

Fhreagair Mgr Salmond: "Chuir mi na roghainnean a-mach gu soilleir - trì Phlanaichean B air prìs aonan. Tha iad coltach ri busaichean... tha thu an dùil ri aonan, agus nochdaidh trì aig an aon àm.

"Chan fheum sinn cead gus ar n-airgead fhèin a chleachdadh. 'S e an t-argamaid ann an da-rìribh, gun diùlt iad dhuinn maoin Banca Shasainn. 'S e an t-adhbhar nach tachair sin, ma dhiùltas sibh dhuinn a' mhaoin ionmhasail, bidh an RA air fhàgail leis a h-uile fhiachan."

Thuirt Mgr Salmond nach leigeadh seansalair sam bith le Alba a cuid de dh'fhiachan na RA a sheachnadh, agus mar sin, gun aontaichte aonadh-airgid.

Fo-thiotal an deilbh,
Gailearaidh agus Taigh-tasgaidh Kelvingrove
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Alasdair Darling agus Ailig Salmond

Ach thuirt Mgr Darling: "Ma 's e a' chiad theachdaireachd a bheir sibh dhan t-saoghal, "Seo Alba, agus anns an dol seachad, tha sinn dìreach air pàigheadh a sheachnadh air ar cuid fhiachan", dè shaoileas sibh am beachd a bhiodh aig daoine a bheireadh dhuinn iasad san àm ri teachd?

"Cha toireadh duine iasad dhuinn san àm ri teachd."

Sùilean an t-saoghail

Chaidh caitheamh-buinn le Mgr Salmond air thoiseach air an deasbad, agus thagh e a bhith a' toirt seachad na h-òraid fosglaidh aige an toiseach, le Mgr Darling a' tighinn às a dhèidh.

A' cur na h-argamaid airson neo-eisimeileachd, thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh sùilean an t-saoghail air Alba.

Thug e iomradh air an referendum a chaidh a chumail ann an 1979, nuair nach d' fhuair Alba pàrlamaid fèin-riaghlaidh, a dh'aindeoin 's gun do bhòt an sluagh air a son, agus thuirt e, an àite sin, gun d' fhuair Alba 18 bliadhna de riaghladh Tòraidheach na h-àite.

"Coltach ri 1979, tha fàithean na dòrainn ag innse dhuinn nach urrainn dhuinn a dhèanamh. Chan urrainn dhuinne an rud a tha a h-uile dùthaich a' dèanamh gun smuain - agus coltach ri an uair sin, tha iad ceàrr.

"'S e dùthaich bheartach a th' annainn, sluagh comasach. Faodaidh sinn dùthaich shoirbheachail a chruthachadh, le sòisealtas nas cothromaiche. Fìor-shealladh do mhuinntir na h-Alba. Seo ar n-àm, seo ar mòmaid - dèanamaid a-nis e."

Dh'fhosgail Mgr Darling le bhith ag ràdh gun robh Mgr Salmond "ag iarraidh oirnn fhacal a ghabhail air earbsa air gach rud. Chan eil Plana B aige airson rud sam bith. Biodh earbsa agaibh na chanas e - tha mi duilich, chan urrainn dhomhsa."

Thuirt e gun robh Mgr Salmond ag iarraidh stàit fa-leth, ge b' e dè an cunnart, ge b' e dè a' chosgais.

Ach thuirt e nach e an 'status quo' a gheibheadh Alba le a bhith a' bhòtadh "Cha Bu Chòir", ag ràdh gun toireadh pàrtaidhean an Aonaidh an tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba.

"'S e seo co-dhùnadh nach gabh tionndadh. Feumaidh ar cuid chloinne, agus ginealaichean ri teachd, tighinn beò fon cho-dhùnadh sin."

Thèid an referendum a chumail air an 18mh là den t-Sultain, leis a' cheist "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh