Pàipearan an luchd-bhòtaidh puist gan sgaoileadh
- Published
Tòisichidh comhairlean na h-Alba air pàipearan-bhòtaidh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba a chur air falbh Dimàirt do dhaoine a roghnaich bhòtadh tron phost.
Chan eil ach seachdain air fhàgail aig daoine gus clàradh airson bhòt fhaighinn san referendum air an 18mh là den t-Sultain.
Gheibh an fheadhainn a roghnaich bhòtadh tron phost an cuid phàipearan bho Dhiardaoin a-mach.
Chaidh còrr is 50,000 bileag-chlàraidh a thoirt a-nuas bho làrach-lìn Choimisean an Taghaidh eadar an 11mh agus an 20mh là den Lùnastal.
Thairis air an àm sin, chaidh mu 2.5m lethbhreac de stiùireadh bhòtaidh neo-thaobhach a' Choimisein cuideachd a sgaoileadh.
Leanaidh iomairtean telebhisein, rèidio, sanasachd agus air-loidhne na buidhne gus an tig an ceann-ama airson clàradh air an 2na là den t-Sultain.
Thuirt Anndra O'Neill bho Choimisean an Taghaidh: "Tha ùidh mhòr aig daoine anns an referendum agus tha sin follaiseach leis an dòigh anns an do ghabh daoine ri ar n-iomairt sanasachd taobh a-staigh a' chiad 10 là.
"Le dìreach seachdain air fhàgail gus clàradh airson bhòtadh, tha sinn a' cur ìmpidh air duine sam bith nach eil clàraichte gu ruige seo bileag a thoirt a-nuas aig www.aboutmyvote.co.uk, no fònadh thugainn cho luath 's a ghabhas air 0800 3 280 280.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 27 An Lùnastal 2014
- Published
- 14 An Lùnastal 2014