Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Deasbad

Tha cunntas-bheachd a rinn am pàipear-naidheachd, an Guardian, ag ràdh gur e Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, as fheàrr a rinn anns an dàrna deasbad beò air an telebhisean a-raoir, mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Fhuair an sgrùdadh gun robh 71% de dh'Albannaich a chunnaic an deasbad a-raoir den bheachd gun do rinn Mgr Salmond nas fheàrr na Alistair Darling aig Nas Fheàrr Còmhla. Tha beachd làidir ann gur e Mgr Darling a shoirbhich anns a' chiad dheasbad bho chionn trì seachdainean.

Iorac

Chaidh 11 duine, air a' char as lugha, a mharbhadh le bom ann an càr ann am Baghdad, prìomh-bhaile Iorac. Chaidh deugnachadh eile a leòn anns an spreadhadh ann an sgìre Jadida, air taobh sear a' bhaile, tràth sa mhadainn an-diugh.

Ugràin

Coinnichidh Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, agus ceannardan Eòrpach eile ann am Belarus an-diugh. Tha seo a' tighinn an dèidh do Mhgr Poroshenko Pàrlamaid na h-Ugràin a chur ma sgaoil agus taghadh a ghairm - fhad 's a tha feachdan na h-Ugràin fhathast a' strì ri reubaltaich aig a bheil taobh ris an Ruis.

Ferguson's

Thuirt a' chompanaidh Clyde Blowers, as coltaiche a gheibh cothrom air tairgse airson gàradh iarainn Ferguson's ann am Port Ghlaschu, gu bheil iad an dòchas an gnìomhachas a chur air bhonn a-rithist an taobh a-staigh bliadhna gu leth. Thuirt am fear-gnothaich, Jim McColl, dham buin Clyde Blowers, gu bheil iad am beachd airgead a chur an sàs anns a' ghàradh, tuilleadh luchd-obrach agus cùmhnantan ùra a thoirt ann.

"Bed-blocking"

Thàinig àrdachadh mòr air an àireamh euslainteach nach eil a' faighinn a-mach às an ospadal, ged a tha an leigheas seachad - "bed-blocking" mar a theirear ris. Bha 175 euslainteach fhathast ann an ospadail na h-Alba, còrr is sia seachdainean an dèidh do dhotairean innse dhaibh gun robh iad fiot air an ospadal fhàgail, anns an Iuchar. 'S e cion àite dhaibh ann an dachannan cùraim as motha is coireach ris an t-suidheachadh.

Sròn na Luirge

Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais, Urras Iain Muir, a' dol gu cùirt airson stad a chur air plana airson tuath-gaoithe faisg air Cille Chuimein. Bhiodh 67 crann anns an sgeama aig SSE Renewables aig Sròn na Luirge, a fhuair cead bho Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos a chaidh. Tha Urras Iain Muir ag ràdh gun dèanadh an sgeama cron air an àite, agus tha iad air dhol gu Cùirt an t-Seisein a dh'iarraidh ath-sgrùdadh britheimh air a' chùis.