Dàil air euslaintaich air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
OspadalTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tric 's e cion àite dhaibh ann an dachaighean cùraim, no nach eil bòrd-slàinte comasach air an taic a tha a dhìth orra 'son tilleadh dhachaigh as coireach.

Thàinig dùblachadh san àireamh de dh'euslaintaich air a' Ghàidhealtachd nach eil a' faighinn a-mach às an ospadal ged a bha an leigheas seachad.

Sheall figearan bhon Òg-Mhìos gun robh 23 euslaintich aig tuath a bha fhathast san ospadal còrr 's sia seachdainnean às dèidh do dhotair innse dhaibh gun robh iad fallainn gu leòr 'son falbh.

Bha sin an taca ri dìreach 9 euslainteach san Òg-Mhìos 2013.

Cion àite

Tric 's e cion àite dhaibh ann an dachaighean cùraim, no nach eil bòrd-slàinte comasach air an taic a tha a dhìth orra 'son tilleadh dhachaigh, as coireach ris an t-suidheachadh.

Bha trioblaidean air a' Ghàidhealtachd fhèin anns na beagan mhìosan a chaidh seachad le dìth àitean ann an dachaighean cùraim a bha air measaidhean fhàilligeadh.

Nochd duilgheadasan cuideachd le sgeama taic san dachaigh aig NHS na Gàidhealtachd, sgeama a tha ag amas air taic a thoirt do dhaoine cùram fhaighinn aig an taigh.

Dearbhadh

Air feadh Alba gu lèir, bha 175 euslaintich fhathast san ospadal còrr 's sia seachdainnean às dèidh dhaibh dearbhadh fhaighinn bho dhotair gun robh iad math gu leòr 'son falbh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba an-uiridh nach bu chòir do dh'euslainteach sam bith a bhith san ospadal 'son barrachd na ceithir seachdainean às dèidh dhaibh cead fhaighinn bho dhotair falbh.

Tha iad a' cur rompa fhèin an targaid a lùghdachadh gu dà sheachdain ron Ghiblean 2015.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh