Leudachadh air MeyGen

Inneal Image copyright Atlantis Resources
Image caption Bidh 6 innealan seach 4 ann a-nise aig toiseach na pròiseict.

Tòisichidh pròiseict mhòr ath-nuadhachail sa Chaol Arcach le sia innealan an àite ceithir, mar a chaidh ainmeachadh anns a' chiad dol a-mach.

'S e sgeama MeyGen tè de na pròiseictean as motha air an t-saoghal a chleachdas cumhachd na tìde-mhara airson dealan a chruthachadh.

Thuirt a' chompanaidh Atlantis Resources an t-seachdain seo chaidh gun robh iad a' dol a thòiseachadh a' stèidheachadh innealan sa Chaol Arcach thairis air an dà bhliadhna a th' air thoiseach.

Bha iad am beachd an toiseach ceithir innealan a chur air grunnd na mara ach tha iad a-nise air cùmhnant luach £7.5m aontachadh gus dà inneal a bharrachd a chur an sàs.

Airgead

'S ann às Institiud Teicneolais Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte a tha an t-airgead a' tighinn.

Thathas an dòchas gun tig cumhachd gu leòr bho na h-innealan 'son dealan a chumail ri 4,500 dachaigh.

Air a' cheann thall tha Atlantis airson 's gum bi 269 inneal aca air grunnd na mara is gun tig dealan gu leòr 'son 175,000 dachaigh.

Chaidh taic-airgid luach £50m a ghealltainn dhan phròiseict bho Riaghaltasan Alba agus na Rìoghachd Aonaichte, HIE agus Oighreachd a' Chrùin am measg eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile