Gnìomhachasan a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd

Malairt Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt luchd-taice na litreach nach robh buidhnean poileataigeach sam bith an sàs innte.

Chuir còrr is 130 gnìomhachas an ainm ri litir a tha ag ràdh nach deach argamaid ghnìomhachais airson neo-eisimeileachd do dh'Alba a dhèanamh.

'S ann ann am bancaireachd, mèinnearachd, einnseanaireachd, biadh, uisge-beatha agus teicneòlas, am measg eile, a tha na daoine a chuir an ainm ris an litir ag obair.

Ach thuirt a' bhuidheann iomairt Gnìomhachas airson Alba gu bheil "fìrinn is figearan" eaconamach a' toirt taic do neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Chaidh an litir fhoillseachadh anns a' phàipear-naidheachd an Scotsman.

Am measg na chuir an ainm ris, tha cathraiche HSBC, Dùghlas Flint; àrd-stiùiriche na companaidh mèinnearachd BHP Billiton, Anndra MacCoinnich; agus Sir Iain Grannd, iar-cheann-suidhe gnìomha a' phoileasaidh aig a' bhuidhinn chumhachd, BG Group.

Tha cuideachd cathraiche gnìomha Buidheann Bidhe Bhacastair, Audrey Bhacastair; Sìm MacThòmais, àrd-stiùiriche Cairn Energy; agus Ian Curle, àrd-stiùiriche Edrington, leis a bheil na h-ainmean-reice uisge-bheatha The Macallan agus The Famous Grouse.

Image caption Tha luchd-iomairt Nas Fheàrr Còmhla den bheachd gu bheil obraichean ann an cunnart

'S e Keith Cochrane, àrd-stiùiriche na buidhne einnseanairidh, Weir Group, a bh' air cùlaibh na litreach, agus e fhèin air rabhadh a thoirt roimhe de "chunnartan susbainteach" a bhiodh an lùib bhòta airson neo-eisimeileachd. Thuirt luchd-taice na litreach nach robh buidhnean poileataigeach sam bith an sàs ann a bhith a' cur na liosta aca ri chèile.

"Mòran air gheall"

Tha an litir ag ràdh gu bheil "mòran air gheall": "Tha na ceanglaichean eaconamach againn taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte gu math dlùth, agus bidh iad a' cumail taic ri còrr is millean cosnadh Albannach.

"Mar luchd-cruthachaidh cosnaidh tha sinn air sealltainn gu math dlùth ris na h-argamaidean a rinn gach taobh san deasbad.

"'S e ar co-dhùnadh nach deach an t-argamaid ghnìomhachais airson neo-eisimeileachd a dhèanamh."

Tha luchd-taice na neo-eisimeileachd ge-tà, a' tarraing aire do mar a tha luchd-gnothachais agus luchd-eaconamachd ann a tha taiceil do neo-eisimeileachd.

Image copyright Bill Fleming/Yes Scotland
Image caption Tha luchd-iomairt Bu Chòir Alba ag ràdh gum biodh buannachdan eaconamach an lùib neo-eisimeileachd.

"Tha 2,500 ball aig Gnìomhachas airson Alba a tha a' ruith ghnothachasan ann an Alba, a' fastadh dhaoine air feadh raoin fharsainn de ghnìomhachasan, agus iad uile den bheachd gur e neo-eisimeileachd as fheàrr do dh'Alba agus do ghnìomhachas ann an Alba," thuirt Gnìomhachas airson Alba.

"'S e seasamh a th' ann a ràinig iad an dèidh dhaibh coimhead gu dlùth ri fìrinn agus figearan, 's a' gabhail ris, bho thaobh sìmplidh matamataigeach dheth, a thuilleadh air gnothaichean eile, gum b' fheàrr do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich."

Gnothach thar-chruinne

Thuirt seann chathraiche Banca Rìoghail na h-Alba, Sir Seòras MacMhata, mar eismpleir, gun soirbhicheadh gu mòr le raon nan seirbheisean ionmhais ann an Alba neo-eisimeileach.

"Chan eil taic sam bith ann do bheachd gum fulaing gnìomhachas nan seirbheisean ionmhais ann an dùthaich bhig. Tha an Eilbheis na deagh eisimpleir dheth sin, agus, le Geneva agus Zurich, dà de prìomh dheich ionadan ionmhais an t-saoghail innte. Tha Singapore, le còig millean duine, sa cheathramh àite," thuirt e.

"'S e gnothach thar-chuinne a th' ann an in-ionmhas, barrachd is barrachd, far a bheil soirbheachas a' crochadh air daoine, seach crìochan."

Tha an eaconamaiche agus seann cheannard Iomairt na h-Alba, Sir Dòmhnall MacAoidh, cuideachd air argamaid a chur air adhart gum biodh Alba ann an suidheachadh ionmhasail nas làidire na an còrr den RA an-dràsta, nam biodh i neo-eisimeileach.

"Bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach a' bhuannachd ionmhasail sin a chleachdadh airson airgead a chur ri ath-thionnsgalachadh na h-eaconamaidh againn," thuirt e.

Tha àrd-stiùiriche IAG, leis a bheil British Airways, Willie Walsh, cuideachd air a ràdh gum biodh neo-eisimeileachd math do dh'Alba.