Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gnìomhachas agus Neo-eisimeileachd

Tha a' bhuidheann Business For Scotland, ceannardan gnìomhachais a tha taiceil do neo-eisimeileachd, ag ràdh gu bheil am fiosrachadh agus na figearan a' cur taic ris an t-seasamh aca. Bha iad a' bruidhinn 's còrr is 130 ceannard gnìomhachais air an ainmean a chur ri litir, ag ràdh nach deach cùis ghnìomhachais airson neo-eisimeileachd a mhìneachadh.

Siria

Tha na Dùthchannan Aonaichte air dealbh mionaideach a dhèanamh de bhorbachd a tha luchd-sabaid na Stàite Ioslamaich a' dèanamh ann an Siria. Tha an aithisg as ùire aca air còirichean a' chinne-daonna ann an Siria stèidhichte air agallamhan a chaidh a dhèanamh anns a' chiad leth den bhliadhna. Tha iad a' toirt rabhaidh gum faodadh an t-sabaid sgapadh air feadh na sgìre.

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil dùil aca na buidseatan aca a chothromachadh am bliadhna, ach gu bheil iad a' cleachdadh còrr air £600,000 den airgead èiginn aca. Tha iad a' coinneachadh an-diugh anns na Hearadh agus a' foillseachadh aithisg airson nan trì mìosan chun an là mu dheireadh den Ògmhios. Am measg eile tha iad ag ràdh gu bheil suidheachadh chalpa na buidhne gu math teann, agus gum biodh cuideam air a' bhuidseat aca nam biodh aca ri uidheamachd mheidigeach no eile atharrachadh ann an èiginn.

Christine Lagarde

Thuirt ceannard an IMF, Christine Lagarde, gun deach rannsachadh foirmeil a thogail na h-aghaidh airson dearmadachd ann an cùis foille san Fhraing. Cha deach casaidean a chur às a leth. Chaidh a ceasnachadh grunn thursan mun phàirt a bh' aice ann am mar a chaidh airgead-dìolaidh €400m a phàigheadh dhan fhear-ghnìomhachais Bernard Tapie, ann an 2008. Bha i na ministear ionmhais ann an riaghaltas a' Chinn-suidhe Sarkozy aig an àm.

Banca Rìoghail na h-Alba

Tha càin de £14.5m ga chur air Banca Rìoghail na h-Alba le Ùghdarras Giùlain an Airgid. 'S e uireasbhaidhean mòra sa chomhairle a bha am banca a' toirt do dhaoine a thaobh mhorgaidsean a bu choireach. Thuirt a' bhuidheann-faire nach robh am banca air feart a thoirt air buidseatan dhaoine, no air an comhairleachadh a thaobh teirm a' mhorgaids. Dh'aidich am banca ris na h-uireasbhaidhean.

Beartan ùra

Thèid obair a chruthachadh ann an Sgìre nan Loch 's ann an Ceann a Tuath na Hearadh do thriùir bhreabadairean, agus urras coimhearsnachd a' dol a cheannach trì beartan a leigeas iad a-mach air màl. 'S iad Urras Coimhearsnachd Tuath-gaoithe Mhuaitheabhail a th' air cùl nam planaichean. Cuiridh iad beart gu breabadairean ùra ann an Sgìre na Pàirce, ann an Ceann an Loch, agus ann an Ceann a Tuath na Hearadh.

Leabhraichean Pheadar May

Tha am BBC air aonta a ruighinn a thaobh nan leabhraichean aig Peadar May, a tha stèidhichte sna h-Eileanan Siar. 'S e an Lewis Trilogy a th' air na leabhraichean. Thuirt am BBC gu bheil iad air còirichean fhaighinn tionndadh a chur air na trì leabhraichean, ach gu bheil cùisean aig ìre gu math tràth fhathast, agus nach urrainnear a bhith càil nas mionaidiche. Bhuanaich a' chaid leabhar san t-sreath, am Blackhouse, grunn dhuaisean litreachais.