200 luchd-gnothachais airson neo-eisimeileachd

Airgead Albannach Image copyright Getty Images

Tha còrr is 200 luchd-gnothachais ann an Alba air an ainmean a chur ri litir fhosgailte ag ràdh gum bi neo-eisimeileachd math dhan eaconamaidh agus do mhuinntir na dùthcha.

Tha e a' tighinn mar fhreagairt air litir bho 133 luchd-gnothachais a chaidh fhoillseachadh Diciadain, ag ràdh gun robh teagamhan mòra ann mu neo-eisimeileachd.

Chaidh an litir a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd fhoillseachadh anns a' phàipear-naidheachd, a' Herald.

Am measg na chuir an ainm ris an litir a' nochdadh taic do neo-eisimeileachd, tha cathraiche Stagecoach Brian Souter, ceannard Clyde Blowers, Jim MacColla, agus Ralph Topping, a bha roimhe na cheannard air a' chompanaidh William Hill.

Tha iad ag ràdh, a bharrachd air a bhith math don eaconamaidh agus don t-sluagh san fharsainneachd, gun tigeadh an tuilleadh chothroman na cois do dh'òigridh na h-Alba, a leigeadh leotha fuireach agus soirbheachadh san dùthaich.

Tha an litir ag ràdh nach eil riaghaltasan ann an Westminster riamh air gu leòr a dhèanamh airson eaconamaidh na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo