Taic riaghaltais a dhìth

Gas Image copyright PA
Image caption Tha aithisg bhon bhuidhinn TEAS ag ràdh gu bheil faisg air trì-chairteal de mhuinntir nan eilean ann am bochdainn connaidh.

Feumaidh an riaghaltas dèiligeadh ri bochdainn connaidh nan Eilean Siar, a rèir a' Chomhairliche Aonghas MacCarmaig, a tha na chathraiche air Buidheann Ghnìomha Bochdainn nan Eilean Siar.

Tha aithisg bhon bhuidhinn TEAS ag ràdh gu bheil faisg air trì-chairteal de mhuinntir nan eilean ann am bochdainn connaidh, 's gu bheil an deicheamh cuid a' cosg trian de an teachd-a-steach air connadh.

Tha an Comh. MacCarmaig ag ràdh nach eil Riaghaltas na h-Alba no Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh gu leòr mun chùis agus gum feum iad barrachd taic a thoirt do dhaoine.

Aithisg

'S e Seirbheis Comhairle a' Chonnaidh (TEAS) a rinn an aithisg às leth Comhairle nan Eilean Siar, 's i a' toirt seachad dealbh gu math dubhach.

Tha e air a mheas gu bheil taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blàth.

A rèir na h-aithisg, tha 71% de dhachaighean na sgìre san t-suidheachadh sin, an coimeas ri 27% san dùthaich san fharsaingeachd.

Tha 18% ann am fìor bhochdainn connaidh, agus 10% nas miosa buileach, far a bheilear a' cosg an treas cuid dhan teachd-a-steach air cumail blàth.

Molaidhean

Thuirt Mgr MacCarmaig gum feum na riaghaltasan a dhol an sàs anns an trioblaid seo sa bhad, ri linn 's gu bheil a' chùis a' fàs nas miosa.

Am measg nam molaidhean aig Mgr MacCarmaig, tha barrachd airgid a chur ri pròiseact far a bheil seann taighean croite gan dèanamh nas blàithe, agus barrachd taighean ùra a thogail.

Thuirt e gu bheil fios dè tha ceàrr 's nach eil a dhìth ach airgead ceart a chur mu a choinneimh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile