Atharrachaidhean mòra aig Ross County
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Ross County gu bheil iad air am manaidsear, Derek Adams, a chur às a dhreuchd.
Tha athair, Seòras, stiùriche a' bhuill-coise, cuideachd air a dhreuchd aig County a chall.
Tha Ross County an-dràsta aig bonn na Prìomh Lìge is iad air na ceithir geamaichean aca gu ruige seo a chall.
Ann am brath bhon chluba thuirt an cathraiche, Roy MacGriogair, gu bheil e ag aithneachadh na chuir an dithis ri Ross County thar nam bliadhnaichean.
Aithghearrachd
Thuirt Mgr MacGriogair cuideachd nach eil dùil aig County duine eile a chur dhan dreuchd anns an aithghearrachd.
'S iad an coidse, Steve Fearghasdan, agus an sgiobair, Richie Brittain, a bhios os cionn na sgioba an uair a chluicheas iad an aghaidh Hamaltan Disathairne.
Bha Derek Adams os cionn Ross County an toiseach eadar 2007 is 2010, gan toirt gu Cuairt Dheireannach Chupa na h-Alba ann an 2010.
Às dèidh treis a chur seachad mar leas-mhanaidsear aig Hibs, thill Adams gu County ann an 2011 is thug e an cluba dhan Phrìomh Lìog 'son a' chiad turais ann an 2012.