BBC Naidheachdan

Làrach ga taghadh do sgoil ùr Bhaile Dhubhthaich

Published
image copyrightComhairle na Gàidhealtachd
image captionAcadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

Chuir Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd an taic ri moladh sgoil ùr do sgìre Bhaile Dhubhthaich a thogail air an làraich far a bheil acadamaidh a' bhaile an-dràsta stèidhichte.

Tha a' Chomhairle airson na ceithir sgoiltean sa bhaile - Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, Bun-sgoil Chnoc na Creige, Bun-sgoil a' Chnuic Bhric agus Sgoil shònraichte Naomh Dhubhthaich - a thoirt còmhla agus aon sgoil mhòr a chur nan àite.

'S ann am Bun-sgoil Chnoc na Creige a tha an t-aonad Gàidhlig ann am Baile Dhubhthaich.

Bhiodh an sgoil ùr a' frithealadh cloinne eadar 3-18 bliadhna de dh'aois.

Às dèidh co-chomhairleachaidh air a' ghnothach, mhol oifigich làrach na h-Acadamaidh, is chuir Comataidh an Fhoghlaim an taic ris a' mholadh.