Daibhidh Camshron
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Call no piseach do ghnothachais?

29 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gach taobh san deasbad air neo-eisimeileachd air a bhith a' cur argamaidean air adhart mun bhuaidh a bhiodh aige air gnìomhachas ann an Alba.

Tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, a' dèanamh òraid aig dinnear an CBI ann an Glaschu Diardaoin, 's e ag ràdh gu bheil an t-Aonadh a' neartachadh gnothachais.

Aig a' cheart àm, tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag ràdh gun deadh aig Alba neo-eisimeileach air barrachd airgead a thàladh dhan dùthaich.

Tha an aithris seo aig Darren Linc.