Togail do luchd-iomairt an losgadair

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-strì an aghaidh losgadair sgudail a bha a' chompanaidh Combined Power and Heat (Highlands) airson a thogail an Taobh Sear Rois ag ràdh gur e togail a th' ann dhaibh gun deach cur às dhan chead a fhuair am plana, às dèidh cùis-lagha aig Cùirt an t-Seisein.

Chaidh a cheadachadh bho chionn dà bhliadhna às dèidh rannsachaidh phoblaich, le grunn chùmhaidhean.

Ach, chur Comhairle na Gàidhealtachd 's Oighreachdan Rois an aghaidh a' cho-dhùnaidh.

Riaghail britheamhan Diardaoin gum feumar an rannsachadh fhosgladh às ùr, ach a' coimhead a-mhàin air dè dìreach an sgudal a dheadh a làimhseachadh ann.